Ernst Röhm
B' e saighdear nàsach às A' Ghearmailt a bh' ann an Ernst Julius Günther Röhm (München, 28 an t-Samhain 1887 - Ibidem, 1 an t-Iuchar 1934).[1] Rugadh agus thogadh Röhm anns A' Bhaidhearn agus bhuinneadh e do theaghlach clas-obrach Caitligeach - dh'obair athair air na trèanaichean. bha e na shaighdear sa Chogadh Mhòr, chaidh ardachadh gu fo-cheannard agus chaidh a leòn aig Verdun. Ghabh e sa Phàrtaidh Nàsach ann an 1920 agus bha e an sàs anns an Hitlerputsch.[2] Ann an 1928 chaidh e thall thairis gu Boilibhia far an robh e na chomhairleach armailteach ann an Cogadh Chaco, ach thug Hitler airsan thilleadh dhachaidh an an 1930. Rinneadh murt air ann an 1934 air òrdughan Hitler, mar phàirt iomairt air an robh Nacht der langen Messer (Gàidhlig: Oidhche nan Sgianan Fada) - gus an fheadhainn a bha an aghaidh Hitler sa Phàrtaidh Nàsach - gu seachd-àraidh an Sturmabteilung a stèidhich Röhm fhèin ann an 1921[3] - a sgìursadh.
Ernst Röhm | |||||
---|---|---|---|---|---|
| |||||
Beatha | |||||
Ainm slàn | Ernst Julius Günther Röhm | ||||
Breith | München, 28 dhen t-Samhain 1887 | ||||
Dùthaich | A' Ghearmailt | ||||
Bàs | Munich Prison (en) , 1 dhen Iuchar 1934 | ||||
Àite-adhlacaidh | Westfriedhof (en) | ||||
Nàdar a’ bhàis | murt duine (extra-judicial killing (en) ) | ||||
Foghlam | |||||
Cànain |
Spàinntis Gearmailtis | ||||
Dreuchd | |||||
Dreuchd | neach-poileataigs, luchd an airm, oifigear agus minister (en) | ||||
Com-pàirtiche
| |||||
Àitichean-obrach | Nürnberg agus Berlin | ||||
Duaisean a fhuaras | |||||
Ballrachd | Sturmabteilung (en) | ||||
Seirbheis san arm | |||||
Meur an airm | Arm Impireil na Gearmailte | ||||
Ìre | Hauptmann (en) | ||||
Strì | An Cogadh Mòr | ||||
Creideamh | |||||
Pàrtaidh poileataigeach |
Am Pàrtaidh Nàsach Pàrtaidh Oibrichean na Gearmailte German Völkisch Freedom Party (en) National Socialist Freedom Movement (en) | ||||
Iomraidhean
deasaich- ↑ Röhm, Ernst (1934). Die Memoiren des Stabschef Röhm, Saarbrücken: Uranus Verlag. OCLC 17775461.
- ↑ Fischer, Conan (1999). "Ernst Julius Röhm – Stabschef der SA und unentbehrlicher Außenseiter". Ann an Smelser, Ronald; Zitelmann, Rainer, Die braune Elite 1, Darmstadt: Wissenschaftliche Buchgesellschaft, ISBN 978-3534800360.
- ↑ Hancock, Eleanor (2008). Ernst Röhm: Hitler's SA Chief of Staff. Eabhraig Nuadh: Palgrave Macmillan. ISBN 978-0-230-60402-5.