Eilean Fada Mòr
'S e eilean a tha ann an Eilean Fada Mòr. Tha e suidhichte air àird an iar na h-Alba air ceann Loch Bhraoin. 'S e aon de na h-Eileanan Samhraidh.
Tha e suidhichte eadar is Tannara Mhòr is Tannara Bheag. Tha Caolas na Gainmhich air àird an iar agus Caolas a’ Mhill Ghairbh air àird an ear dheth. Air àird an ear-thuath tha Eilean Fada Beag, Sgeir nam Feusgan agus Eilean a' Bhuic. Tha Eilean a' Chàr suidhichte air àird an iar-thuath dheth. 'S e seo na Co-chomharran aige: 58° 0′ 47.16″ Tuath agus 5° 25′ 54.77″ Iar.
Tha an t-àite as àirde 39 meatair os cionn na mara. Tha deagh pholl-acarsaid air taobh a deas an eilein. [1]
Chan eil duine sam bith a’ fuireach ann.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Haswell-Smith, Hamish (2008): The Scottish Islands, duilleag 199; Dùn Eideann, Canongate. ISBN 9781847672773
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Gazetteer for Scotland
- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NB 973 078
Càrn Iar • Càrn Deas • Càrn nan Sgeir • Eilean a' Bhotail • Eilean a' Bhuic • Eilean a' Chlèirich • Eilean a' Chàr • Eilean Dubh • Eilean Fada Mòr • Eilean nan Eich • Eilean Mhàrtainn • Eilean Mullagrach • Eilean Ruisteil • Glas-leac Beag • Glas-leac Mòr • Meall nan Gabhar • Sgeir nam Feusgan • Tannara Bheag • Tannara Mhòr