Éideard Dwelly
'S e Éideard Dwelly (2 Gearran 1864, Twickenham–25 Faoilleach 1939) a rinn am faclair a bu chudromaiche sa Ghàidhlig - Faclair Gàidhlig gu Beurla le dealbhan. Chlò-bhuail, cheangail, agus chruinnich e e, agus rinn e na dealbhan cuideachd. Thàinig am faclair a-mach ann 1911. 'S e Sasannach a bha ann bho thùs, ach shiubhail e leis an arm a dh’Alba, far an do chuir e an t-ainm “Eòghann Dòmhnallach” air fhèin. 'S e obair luachmhor a rinn e, ach cha do ghabh e a-riamh an duais a b' fhiach e air a shon.
Éideard Dwelly | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Twickenham (en) , 2 dhen Ghearran 1864 |
Dùthaich |
Rìoghachd Aonaichte Rìoghachd Aonaichte na Breatainne Mòire agus Èireann 12 dhen Ghiblean 1927) |
Bàs | Fleet (en) , 25 dhen Fhaoilleach 1939 |
Foghlam | |
Cànain |
Beurla Gàidhlig |
Dreuchd | |
Dreuchd | faclairiche agus cànanaiche |
Bheatha
Nuar a bha Dwelly fhathast san sgoil, thòisich ùidh mhòr a bhith aige ann an Gàidhlig agus ann am pìobaireachd. Ghabh e dha na London Scottish Volunteers, agus mar seo, bha cothrom aige a bhith a' cluiche na pìoba.[1] Ann an 1890s, dh'atharraich e ainm, oir bha Eòghan MacDhòmnaill nas fhreagarraiche airson a' phìobaire. Dh'fhàg e Sasainn agus ghluais e a dh'Alba. Phòs e boireannach aig an robh Gàidhlig, Màiri NicDhùghaill.[1] Aig an àm seo, thòisich e obair air am faclair Gàidhlig ùr.
Thill an teaghlach a Shasainn a-rithist, agus bha iad a' fuireach ann am Skeete, ann an sgìre Kent, agus ann an Herne Bay.
Am faclair
Tha am faclair a sgrìobh Dwelly ann an clò fhathast.[2] Tha 1034 duilleagan ann agus iomadh dealbh. Tha e soilleir ris an leughadair gur e obair uabhasach mhòr a tha anns an fhaclair a rinn Dwelly. Ann an ro-ràdh an fhaclair sgrìobh Dwelly gun robh e taingeil don Rìgh airson a chuideachadh agus bha e taingeil cuideachd do a bhean. Nuair a bha Am Faclair deiseil, thòisich e obair air sloinneadh, Dwelly's Parish Records.[1]
Faic cuideachd
Iomraidhean
- ↑ 1.0 1.1 1.2 Gough, Harold (1993): “Eideard Dwelly, Eoghan MacDhòmhnaill agus Am Faclair Mòr,” ann an: Gairm, leabhar 164, àir. Am Foghar.
- ↑ Dwelly, Edward (1911): Faclair Gàidhlig gu Beurla le Dealbhan/The Illustrated Gaelic - English Dictionary (10mh Clò-bhualadh). Dùn Èideann: Birlinn Limited. ISBN 1-874744-04-1.