'S e sgrìobhadair Eòrpach a th' ann an Dubravka Ugrešić (27 Màrt 194917 Màrt 2023). Rugadh i anns an t-seann Iùgoslabh, ann an àite a tha a-nis pàirt de Chroàisia. Tha i a' fuireach anns na Tìrean Ìsle.

Dubravka Ugrešić
Beatha
Breith Kutina (en) Translate, 27 dhen Mhàrt 1949
Dùthaich Federal People's Republic of Yugoslavia  1963)
 Rìoghachd nan Tìrean Ìsle
 Poblachd Fheadarail Shòisealach na h-Iùgoslaibhe  (1963 -  1991)
 A' Chròthais  (1991 -  2023)
Bàs Amsterdam, 17 dhen Mhàrt 2023
Foghlam
Foghlam International Writing Program (en) Translate
University of Zagreb (en) Translate
Cànain Croatais
An t-Sèirb-Chròthaisis
Duitsis
Beurla
Dreuchd
Dreuchd eadar-theangair, nobhailiche, sgrìobhadair litreachas cloinne, sgrìobhadair neo-fhicsein, neach-teagaisg oilthigh, sgrìobhadair, resistance fighter (en) Translate, sgrìn-sgrìobhaiche agus aistear
Àitichean-obrach Amsterdam
Fastaichean University of Zagreb (en) Translate
Duaisean a fhuaras
IMDb nm0880111
dubravkaugresic.com

A Beatha agus Foghlam deasaich

Rugadh Ugrešić ann an Kutina ann am pàirt den t-seann Iùgoslabh a tha a-nis ann an Croàisia. Cha toil leatha a ràdh gur e tè Chroàiseach a th' innte oir bidh i ga h-aithnicheadh fhèin mar 'Iùgoslabhach' ged nach eil an dùthaich fhathast ann. Sgrìobh i air a' chuspair seo ann an aiste san leabhar The Culture of Lies (1998).

Fhuair i foghlam ann an cànan agus litreachas Ruisis aig Oilthigh Zagreb. As dèidh dhi ceumnachadh, dh'obraich i aig an dearbh oilthigh aig teòiridhean litreachail. Chùm i a' dol mar sgrìobhadair agus sgoilear. Ann an 1993, dh'fhàg i Croàisia air sgàth nan tachartasan poilitigeach agus an cogaidh aig an àm. Chuir i seachad greiseag a' teagasg aig oilthighean anns an Roinn Eòrpa agus anns na Stàitean; nam measg Oilthigh Harvard.

Tha i a' fuireach ann am Amsterdam far am bi i a' sgrìobhadh ficsean agus aistean do dh'irisean Eòrpach agus Ameireiganach.

Beatha phoilitigeach agus Fògradh deasaich

Nuair a thòisich an cogadh a bhris Iùgoslabh às a chèile ann an 1991, sgaoil Ugrešić beachdan dubh an aghaidh cogadh agus nàiseantachas. Sgrìobh i an aghaidh nàiseantachas, amaideas agus eucoireachd cogaidhean. Mar thoradh air sin, chuireadh às a leth gum b' e 'cealgair', 'nàmhaid poilitigeach', fiù 's 'bana-bhuidseach' a bh' innte. As dèidh iomadh ionnsaigh na h-aghaidh agus bagairtean na h-aghaidh, dh'fhàg i Croàisia ann an 1993.

Tha a cuid nobhailean a' dèiligeadh ri duilgheadasan nam fògarrach ach cuideachd saorsa nam fògarrach.

Tha a h-aiste Writer in Exile (Thank You for Not Reading) na iùil gu sgrìobhadairean ann am fògradh.[1]

A cuid sgrìobhaidhean deasaich

Nobhailean agus sgeulachdan goirid deasaich

Tha Ugrešić air iomadh nobhail agus sgeulachdan goirid fhoillseachadh.

  • “Steffie Speck in the Jaws of Life / * In the Jaws of Life (1992)
  • Fording the Stream of Consciousness (1991)
  • The Museum of Unconditional Surrender (1998)
  • The Ministry of Pain (2005)
  • Baba Yaga Laid An Egg (2009)

Rinneadh film stèidhichte air Steffie Speck in the Jaws of Life ann an 1984

Aistean deasaich

Cruinneachaidhean:

  • Have A Nice Day: From the Balkan War to the American Dream (1994) (Tiotal bho thùs: Americki fikcionar)
  • The Culture of Lies (1998) Aistean air beatha ri linn chogaidh, nàiseantachas agus breugan.
  • Thank You For Not Reading (2003)
  • Nobody’s Home (2007)
  • Karaoke Culture (2011)
  • Europe in Sepia (2014)

Sgrìobhaidhean Eile deasaich

Tha Dubravka Ugrešić cuideachd na sgoilear air litreachas. Dh'fhoillsich i aistean air litreachas Ruisis agus leabhar air ficsean Ruisis, Nova ruska proza (Ficsean Ruisis Ùr). Rinn i deasachadh air leabhraichean eile, leithid Pljuska u ruci (Sgleog san Làimh), naoi àireamhan de Pojmovnik ruske avangarde (Beag-fhaclair de avant-garde Ruisis). Rinn i eadar-theangachadh cuideachd de Boris Pilnyak agus Danil Kharms (bho Ruisis gu Croatais). Tha i air trì leabhraichean chloinne a sgrìobhadh cuideachd.

Duaisean deasaich

Bhuannaich i an Duais NIN airson a leabhar Forsiranje romana reke - Beurla: Fording the Stream of Consciousness ann an 1988.[2][3]B' e an duais litreachail as àirde anns an t-seann Iùgoslabh a bh' ann. B' e Ugrešić a' chiad bhoireannach a choisinn an duais sin.

Tha i air duaisean a chosnadh airson a cuid aistean cuideachd, nam measg Duais Charles Veillon, Duais Heinrich Mann, Duais Jean Amery.[4]

Liosta Dhuaisean:

  • 2012 Duais Jean Améry airson Aistear Eòrpach. (An Ostair/A' Ghearmailt).
  • 2010 Duais Tiptree airson Baba Yaga Laid an Egg[5]
  • 2009 Ainmichte airson am Man Booker International Prize.
  • 2006 Ainmichte airson Independent Foreign Fiction Prize. An Rìoghachd Aonaichte.
  • 2004 Premio Feronia – Citta di Fiano. An Eadailt.
  • 2000 Duais Heinrich Mann. Akademie Der Kunste Berlin. A' Ghearmailt.
  • 1999 Duais Stàit an Ostair airson Litreachas Eòrpach 1998. Vienna, An Ostair.
  • 1998 SWF-Bestenliste Literaturpreis. A' Ghearmailt.
  • 1997 Versetsprijs 1997, Stichting Kunstenaarsverzet 1942–1945. Na Tìrean Ìsle.
  • 1996 Prix Europeen de l’ Essai Charles Veillon (Duais airson leabhar aistean Eòrpach as fhearr). An Eilbheis.
  • 1988 NIN-ova nagrada (Forsiranje romana-reke Beurla: Fording the Stream of Consciousness).


Iomraidhean deasaich

  1. The Writer in Exile dreach pdf. Leughte 1 Sultain 2014
  2. City Library of Novi Sad (serbeis)
  3. Làrach-lìn oifigeil leughte 1 Sultain 2014
  4. Làrach-lìn oifigeil leughte 1 Sultain 2014
  5. Strock, Ian Randall (21mh dhen Mhàrt 2011): “2010 Tiptree Award Winner”. SFScope.com. Air a thasglannadh [o http://sfscope.com/2011/03/2010-tiptree-award-winner.html] 26mh dhen Mhàrt 2011. Air a thogail 26mh dhen Mhàrt 2011.

Ceanglaichean a-muigh deasaich