'S e opara le Wolfgang Amadeus Mozart a th' ann an Don Giovanni. Chunnacas Don Giovanni airson a’ chiad turas ann am Pràg, 29 An Dàmhair 1787. Às dèidh an ciad shealladh, bha luchd-èisteachd air an beò-ghlacadh leis an opara, agus san latha an-diugh, tha Don Giovanni fhathast aon de na oparan as ainmeile, agus tha e air a chluich gu minig air feadh an an t-saoghail.

Taigh-cluiche ann am Pràg, Poblachd na Seice, far an deach "Don Giovanni" a chluiche a' chiad turas

Sgeulachd

deasaich

Tha an sgeulachd fhèin an dà chuid èibhinn agus bagarrach. Chan eil Don Giovanni a’ riochdachad dìomhanas agus drùs a-mhàin, ach, cuideachd, sgairtealachd agus comas a bhith a’ mealadh beatha. Tha Donna Anna agus Don Ottavio a' riochdachadh beus, ach, aig an aon àm, milleadh dùil agus ne-chomas a bhith àghmhor.

Caractaran

deasaich
  • Don Giovanni, duine uasal
  • Leporello, seirbheisiche Don Giovanni
  • Donna Anna
  • Don Ottavio
  • Il Commendatore, athair Donna Anna
  • Donna Elvira
  • Zerlina, nighean òg
  • Masetto, bràmair Zerlina