B’ e dùthaich bheag neo-eisimeileach air an àirde an iar-thuath na Gearmailt a bh’ anns an Diùcachd Nassau-Weilburg (Gearmailtis: Herzogtum Nassau-Weilburg), a mhair bho 1344 gu ruige 1806,[1] nuair a dh' aonaich Napoleon Bonaparte e le Nassau-Usingen an dèidh dha a chur às do dh' Ìmpireachd Naomh na Ròimhe, ri linn atharrachadh mòr a rinn e air structair phoileataigeach na Gearmailt a thaobh Co-chaidreachas na Rèine.[2] B’ e Weilburg a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha agus b' e an Teaghlach Uasal Nassau a bha os a chionn.[3] Bha fearann na stàite seo air a sgaoileadh ann an deich iadhtag air feadh na sgìre eadar Frankfurt agus Worms fad 462 bliadhna gus a thoisich Ar-a-mach na Frainge. Ghabh Nassau-Weilburg ri Co-chaidreachas na Rèine air 17 an t-Iuchar 1806 ach, an ceann mìos, thug Napoleon orra aonadh le Nassau-Usingen, air 30 an Lùnasdal 1806.[4]

Diùcachd Nassau-Weilburg
Herzogtum Nassau-Weilburg
13441806
Bratach na dùthcha Gearradh-arm
Mapa
Fiosrachadh
Bliadhna Tòiseachaidh 1344
Bliadhna mu Dheireadh 1806
Prìomh-Bhaile Weilburg
Càna(i)n Oifigeil Gearmailtis

Ceannardan na Stàite

deasaich
  • 1344/55 – 1371 Johann I.[5]
  • 1371 – 1429 Philipp I.
  • 1429 – 1429 Philipp II.
  • 1429 – 1442 Johann II.
  • 1492 – 1523 Ludwig I.
  • 1523 – 1559 Philipp III.
  • 1559 – 1593 Albrecht
  • 1559 – 1602 Philipp IV.
  • 1593 – 1625 Ludwig II.
  • 1625/29/51 – 1655 Ernst Casimir
  • 1655 – 1675 Friedrich
  • 1675 – 1719 Johann Ernst
  • 1675 – 1684 Friedrich Ludwig
  • 1719 – 1753 Karl August
  • 1753 – 1788 Karl Christian
  • 1788 – 1806/16 Friedrich Wilhelm

Iomraidhean

deasaich
  1. Protokolle
  2. Napoleon
  3. Almanach de Gotha
  4. Eurulers
  5. Gerhard Köbler: Nassau, Historisches Lexikon der Deutschen Länder. Die Deutschen Territorien von Mittelalter bis zur Gegenwart. 4 Aufl. München, 1992, ISBN-3-406-35886-9