B’ e dùthaich bheag ann an ceann a tuath na Gearmailte a mhair dìreach seachd bliadhnaichean bho 1803 gu ruige 1810 a bh’ anns an Diùcachd Arenberg-Meppen (Gearmailtis: Herzogtum Arenberg-Meppen).[1] Chaidh an Diùcachd a chruthachadh ann an 1803 nuair a dh' aontaich Pàrlamaid Regensburg (Gearmailtis: Immerwährender Reichstag)[2] an sgìre mu timcheall Mheppen agus oighreachdan mòra ann an Recklinghausen, mar dhìoladh dhan Dhiùc Arenberg[3] oir bha esan air talamh mòr a chall air an taobh thall na Rèine aig toiseach toisichidh Ar-a-mach na Frainge. Le sin, bha Napoleon Bonaparte air dìlseachd an diùc a cheannachd ri linn atharraidhean mòra a rinn e air structair phoileataigeach na Gearmailte.[4] Chuir Napoleon às do dh' Ìmpireachd Naomh na Ròimhe ann an 1806. Bha Arenberg-Meppen na ball Co-chaidreachas na Rèine agus chuireadh saighdearan às an stàit gu feachdan na Frainge. Mu dheireadh thall, ann an 1810,[5] chaidh fearann na stàite seo a thoirt a-steach gu Ìmpireachd na Frainge, gu ruige Còrdadh Vienna ann an 1815, nuair a chaidh a roinneadh ann an dà leth: Recklinghausen dhan A' Phruis agus Meppen fhèin do Hanòbhar. B’ e Meppen a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha.[6]

Diùcachd Arenberg-Meppen
Herzogtum Arenberg-Meppen
18031810
Bratach na dùthcha Gearradh-arm
Mapa
Fiosrachadh
Bliadhna Tòiseachaidh 1803
Bliadhna mu Dheireadh 1810
Prìomh-Bhaile Meppen
Càna(i)n Oifigeil Gearmailtis
Farsaingeachd 3,178 km2
Àireamh-shluaigh 59,000 (1815)
Dlùths 18.57/km2

Ceannard na Stàite

deasaich
  • Prosper Ludwig von Arenberg (os cionn na stàite bho 1803 gu 1810)[7]

Iomraidhean

deasaich
  1. Regional Geschichte
  2. Anton Schindling. "The Development of the Eternal Diet in Regensburg". The Journal of Modern History 58 (An Dùbhlachd 1986). p. S64.
  3. Arenberg Foundation
  4. Napoleon
  5. Johann Ludwig Klüber, Öffentliches Recht des Teutschen Bundes und der Bundesstaaten, Andreäische Buchhandlung, Frankfurt am Main 1840, S. 39 Anm. d, S. 889 Anm. b, S. 897 Anm. b
  6. Arenberg Foundation
  7. Almanach de Gotha