Desiderius Erasmus
B' e neach-teagaisg, sagart, agus feallsanaiche an ath-bheòthachadh a bha ann an Desiderius Erasmus Roterodamus, neo Geert Geerts. Rugadh e ann an Rotterdam sna 1460an agus bha e na sgoilear ann an Deventer. Chaidh e na shagart ann an 1492. Bha e càraid do Thomas More agus chaidh e air cèilidh ann an Sasainn ann an 1499 far an do choinnich e William Grocyn, Thomas Linacre agus John Colet. Dh'fhoillsich e Encomium Moriae ('Moladh Amaideachd', Beurla: In Praise of Folly) ann an 1511. Dh'fhoillsich e an Textus Receptus, dreach Tiomnadh Nuadh Greugais ann an 1516 agus dh'imrich e gu Leuven ann an 1517 is gu Basel ann an 1521. Nuair a dh'fhàs Basel Pròstanach ann an 1529 dh'imrich e gu Freiburg.[1]
Iomraidhean Deasaich
- ↑ Rummell, Erika (27mh dhen t-Sultain 2017): “Desiderius Erasmus”. Stanford Encyclopedia of Philosophy. Air a thogail 2na dhen t-Samhain 2017.