Deasbaireachd na teamplaid:Beathach
A chàirdean, a bheil na faclan Gàidhlig ceart gu leòr neo is dòcha gu bheil faclan Laideann nas fheàrr? Dè ur bheachd? --Sionnach 19:45, 20 an Gearran 2008 (UTC)
{{Template:Beathach | RÌOGHACHD = regnum (Beurla: Kingdom) | MEUR = phylum (Beurla: Phylum) | ROINN =classis (Beurla: Class) | SEÒRSA = ordo (Beurla: Order) | TEAGHLACH = familia (Beurla: Family) | TREUBH = genus (Beurla: Genus) | GNÈ = species (Beurla: Species) }}
Leth-bhreac bhon duilleig agam-sa:
Samhail: Beathach
deasaichChuirinn "seòrsa" air "TREUBH: genus", oir 's e sin na tha ann an Dwelly's air "genus". A thaobh "order" ma-tà, chan eil mi cinnteach - ach ann am faclair Akerbeltz, 's e "òrdugh" a th' air "order" ann am bio-eòlas. Tha teaghlach agus gnè agus roinn ceart gu leòr. Chan eil mi cinnteach air phylum o chionn 's nach eil mi eòlach air dè th' ann, ach tha fìne air phylum ann am faclair Akerbeltz. Air an t-samhail eile, an do mhothaich thu gu bheil "teasca deilbh" ann seach "TEACSA"?--Steaphan30 02:41, 21 an Gearran 2008 (UTC)
- Dh'atharraich mi na faclan anns an t-samhail gu faclan Laideann, mar sin tha e fada nas fhasa gan tarraing bho Wiki Beurla. Ach bidh na h-ainmean anns na h-aistean a' nochdadh anns a' Ghàidhlig. Tha mi an dòchas gu bheil sin ceart gu leòr a-nis. --Sionnach 20:51, 21 an Gearran 2008 (UTC)
Faclan eile
deasaichLeth-bhreac bhon duilleag agam-sa: [1]
Tha molaidhean agam a-nis air a' Ghàidhlig air na diofar roinnean bith-eòlasach, bhon a tha mi a' toirt sùil air an aon leabhar Gàidhlig a tha ann air bith-eòlas.
Mar eisimpleir, 's e seòrsa a th' aige air "species", mar sin, mholainn-sa "gnè" air genus agus seòrsa air species. Dè do bharail? Airson phylum, 's e còmhlan a' Ghàidhlig a th' aige air. 'S cinnteach nach eil an leabhar gun mhearachd, agus chaidh fhoillseachadh anns na seachdadan, ach an dèidh sin, 's e fìor dheagh sgoilear a th' anns an fhear a chuir a' Ghàidhlig air an leabhar, Ruairidh MacThòmais.--Steaphan30 13:26, 22 an Giblean 2008 (UTC)
- Dh'atharraich mi na faclan a-rithist. --Sionnach 18:05, 22 an Giblean 2008 (UTC)
Luibhean
deasaichA bheil fear eile ann airson luibhean? --Creachadair 18:24, 22 an Giblean 2008 (UTC)
Chan eil fhathast. Ma bhios beagan uine agam-sa, ni mi fear eile airson luibhean aig deireadh na seachdaine. --Sionnach 18:27, 22 an Giblean 2008 (UTC)