Chan eil càil ann fhathast.

Fàilte

deasaich

Hi a Mhòrag, math d' fhaicinn an-seo agus gu bheil thu trang a' deasachadh mu thràth. Ma bhios ceist sam bith agad, cha leig thu leas ach faighneachd!

Eadar dà sgeul, cha leig thu leas còd html a chleachdadh airson stràcan leithid à, tha an uicipeid glè thoilichte dìreach leis na litrichean fhèin. leis na dùrachdan Akerbeltz 19:18, 25 dhen Lùnastal 2011 (UTC)Reply

Tapadh leat. Tha mi fhathast ag ionnsachadh Uicipeid, ach tha mi toilichte gu bheil e an seo ann an Gàidhlig. Tha mi gu math toilichte a chluintinn nach eil feum agam air còd HTML a chleachadh airson sràcan! Taing cuideachd airson duilleag "meatailt throm" a ghluasad. Cha robh mi cinnteach ciamar a rinn e. -- Morag 19:35, 25 dhen Lùnastal 2011 (UTC)Reply
'S e do bheatha! Gluaisidh tu duilleag leis an triantan beag ri taobh na rionnaige gu h-àrd. Mar is trice, tha e modhail faighneachd air duilleag na deasbaireachd ma tha thu airson duilleag a ghluasad gu ainm eile, can "An t-Sèapan" > "Iapàn" ach ma tha mearachd san ainm, 's urra dhut a ghluasad co-dhiù.
Gàidhlig agus IT ... 's mi tha toilichte gu bheil daoine eile ann a tha gnìomhach san raon sin. O, rud gu tur eadar-dhealaichte, tha radio nan gaidheal airson agallamh reideo a chumail mun Uicipeid an ath sheachdain. Tha iad fhathast ag iarraidh barrachd dhaoine. Tha fhios agam gu bheil thu dìreach air tòiseachadh ach bhiodh e fìor mhath le bogag (newbie) ann. Ma tha ùidh agad ann idir, cuir post-d gu Victoria ag victoria.kilgour@bbc.co.uk ok? Akerbeltz 22:40, 25 dhen Lùnastal 2011 (UTC)Reply


Hi, a Mhòrag, fàilte bhuamsa cuideachd. Abair cho trang a tha thu, tha thu a' dèanamh glè mhath.
Chunnaic mi gun do chruthaich thu roinn-seòrsa ùr: Category:Aimeireaganaich. Saoil dè mu dheidhinn na daoine à Canada no Aimeireaga a Deas? Is dòcha gum bhiodh roinn-seòrsa mar "Daoine às na Stàitean Aonaichte" nas soilleire? Dè do bheachd?
Agus rudeigin eile: Chan fhaod tu {{bun}} a chur ris na h-aistean agad, tha iad fada nas fheàrr na an stuth àbhaisteach, m.e.:A' Chàrnaich. Co-dhiù, ma bhios ceist sam bith agad, cuir fios thugam. Le deagh dhùrachdan--Sionnach 20:02, 26 dhen Lùnastal 2011 (UTC)Reply

Hi a Shionnach
Tapadh leat airson fiosrachadh. Tha thu ceart gu leòr mu dheidhinn roinn-seòrsa "Aimerieganaich" gu dearbh. Càit a bheil an duilleag-coimhearsneachd ceart airson deasbaireachd cuspair mar seo?
Gluaisidh mi na duilleagan le {{bun}} orra cho luath 's a tha mi.
--Morag 20:20, 26 dhen Lùnastal 2011 (UTC)Reply
Na gabh dragh! Tha mi toilichte gu bheil thu ag iarraidh siostam Uici a thuigsinn. Mholainn Uicipeid:Doras na coimhearsnachd airson deasbaireachd mu chuspair sam bith.
A thaobh an roinn-seòrsa: Tha category-tree ann, faic Category:Bunaiteach, gu h-àraidh Category:Daoine agus Category:Eòlas.
Airson roinn-seòrsa ùr a chur anns an àite ceart, dìreach cuir an roinn-seòrsa as àirde ris.(m. e. Category:Daoine agus Category:na Stàitean Anonaichte). Agus airson seann roinn-seòrsa a sguabadh às, cur {{delete}} ris. Feuch e:-)--Sionnach 20:59, 26 dhen Lùnastal 2011 (UTC)Reply