Halo Chaco. Fàilte an seo. Tha e daonnan math cleachdaiche ùr fhaicinn!

Chunnaic mi gun robh thu trang aistean ùra a chruthachadh. Is math sin ach is dòcha nach eil fios agad nach eil sinn measail air aistean gun mòran susbaint a thèid a sgrìobhadh gu luath, le dìreach aon seantans às aonais tùsan.Chì thu an deasbad ann an Uicipeid:Doras na coimhearsnachd fo Aistean goirid. Mar sin bhiodh e math nan leasaicheadh tu na h-aistean a sgrìobh thu gu ruige seo, mus toisich tu air aistean ùra a chur ri Uicipeid.

Rinn mi leudachadh air aon dhiubh: Clár Chlainne Mhuiris; mar sin tha eisimpleir agad a-nis. Ma tha ceistean eile agaibh, leig fios dhomh.--Sionnach (an deasbaireachd) 21:08, 14 dhen Ghearrain 2016 (UTC)

Tapadh leat a Shionnach, I'll return when my Gàidhlig improves a bit! Chaco.