Tha mi air dhi-cuimhneachadh m' fhacal-fhaire airithis, ach is mise a chruthaich an alt seo 's a'chiad dol a mach. Mur a toigh le cuideigin "Carr a' mhuiltean a' ghniomhacais" o chionn's gu bheil e ro fhada neo ro sheann fhasanta bhithinn ga tuigsinn ach is e carr a chaidh air gniomhacais na Breatainn anns an linn sin agus chan eil "tionndadh" laidir gu leor. Canaidh Luchd na Beurla "Industrial Revolution" ris an linn sin a' comharrachadh gun deach sructur soisealta na duthcha bun os cionn an luib na bha tachairt anns an eaconomaidh. Tha am facal "carr" a (gniomhaire "carradh") a'comharraich "tionndadh bun os cionn". Is e drochaid-bhogha a bha anns a'chiad drochaid a chaidh air togail thar an Spé aig Drochaid a'Charra (agus thug an drochaid a h-ainm ris a'bhaile a dh'fhas mun chuairt). Geds a chaidh milleadh air an drochaid ro deireadh an 18mh linn tha am bogha fhadhast na seasamh-cha mhor nach e leth-chearcal a tha ann, ag eirigh bho gach bruaich na h-aibhne gun torr-intrigidh idir. gu deimhinn, cha mhor nach gearradh siubhalach "carr" anns an dol thairis.

Mar sin "Carr-Gniomhacais" mas fheudar dhuibh ach cuir as "tionndadh-gniomhacais".

Till gun duilleag "Tionndadh-gnìomhachais".