Deasbaireachd:Seac MacConaill
An t-Ainm Gàidhlig aige
deasaichSgrìobh mi mar a leanas gu Alasdair “Falt Fada” MacCaluim, oifigear Gàidhlig aig Pàrlamaid na h-Alba, a tha air a bhith ’na oifigear Gàidhlig bhon àm a bha Seac ’na Phrìomhaire:
- Tha mi a’ faicinn gu bheil duilleag Uicipéid airson “Seac MacDhòmhnaill”, = Jack McConnell, 4mh Prìomh-mhinisteir na h-Alba.
- An e “MacDhòmhnaill” a bha e fhéin a’ cleachdadh sa Ghàidhlig, a bheil fhios agad?
agus sgrìobh Alasdair air ais:
- Chan e. 'S e MacConail a bhiomaid a' cleachdadh air.
Bho Google tha e follaiseach gur e “Seac MacConaill” a bha na meadhanan Gàidhlig, am BBC, an Scotsman, an Gaidheal Ùr, 7c, a’ cleachdadh nuair a bha e ’na Phrìomhaire. Chan eil “Seac MacDhòmhnaill” ri lorg idir ach amhàin air duilleagan a tha a’ togail lethbhreac den Uicipeid seo. ’S e sin a chleachd Sabhal Mòr Ostaig sna leabharagan nuair a thug e seachad Òraid an t-Sabhail. ’S e sin a tha air na postairean bho 2003 agus 2007 bho Phàrlamaid na h-Alba:
- http://www.scottish.parliament.uk/EducationandCommunityPartnershipsresources/2003_election_results_Gaelic.pdf
- http://www.scottish.parliament.uk/EducationandCommunityPartnershipsresources/2007_election_results_Gaelic.pdf
Leis a sin, tha mi am beachd an duilleag seo a ghluasad gu “Seac MacConaill” mura bheil fianais aig cuideigin ’na aghaidh.
Tha fhios agam gun urrainn dhan surname Beurla “McConnell” a thighinn bho “Mac Dhòmhnaill” a bharrachd air “Mac Conaill”. Ach is ann bho “Mac Conaill” a thàinig a mhórchuid dhiubh. Agus mura bheil sloinne againn dhan duine, agus ma ’s e “MacConaill” a bha e a’ gabhail ris nuair a bha e beò, tha e nas fheàrr cumail ris a sin, saoilidh mi.
--Caoimhin (talk) 20:36, 14 dhen Chèitean 2014 (UTC)
- Tha sin ceart nam bheachdsa.-MacRusgail (talk) 14:29, 15 dhen Chèitean 2014 (UTC)
Taing do Shionnach airson an duilleag a ghluasad. Seo, anns an dol seachad, beagan a bharrachd a fhuair mi ann am post-dealain bho Alasdair aig a' Phàrlamaid:
- Tha fhios agam gu bheil a h-uile teansa ann gur e MacDhòmhnaill a bh' air a theaghlach bho thùs a chionn 's gur e Arainneach a th' ann is a chionn 's gum biodh ùru ann
an Gàidhlig Arainn a dhèanadh fuaimneachadh MacConaill de MhacDhòmhnaill.
- Ach tha an t-ainm MacDhòmhnaill fada ro chumanta co-dhiù agus cha bhodh fios aig daoine le ainm cumanta mar Seac gur e an aon duine a bh' ann! Mar sin, 's e MacConaill
a bh' aig Parlamaid na h-Alba agus aig Radio nan Gaidheal.
- Nam biodh e air tachairt le ainm eile (e.g. nam biodh eilean ann a bha a' fuaimneachadh "MacDhùghaill" mar "MacRaghnaill" no nam biodh ainm neo-chumanta air mar Zachary
McConnell, is dòcha gum biodh e air a bhith eadar-dhealaichte!