Chuir mi interwiki ris gu "Waterway", ach is dòcha gu bheil ceangal gu Sea lane nas fheàrr? --Sionnach 14:52, 19 am Màrt 2008 (UTC)

Bhiodh e ceart a bhith ga cheangladh ri "waterway", "canal" agus "sea lane" no "sea passage". --Steaphan30 09:43, 20 am Màrt 2008 (UTC)

Cha cheanglainn Seòlaid ach ri sea-way neo sea passage. Tha facail eile sonraichte ri "waterway" claise-amar, canal ( air iasad on Bheurla mar a tha : Fhoillseach Acair leabhar fon tiotal "Air a' Chanal" mu Chanal A'Ghlinne Mhòir os cionn fichead bliadhna). Chuirinn Slighe-Uisge air "Water-way".

Chanainn gur e coinceap a bhuineas ri Beurla na Sasuinn a tha anns an "Waterway", agus chan ann gun deagh aobhar eachdraidheal. Tuigsidh sibh nach eil na h-eileanan Breatuinneachd faisg air cho mor ri Eorpa, agus mar sin is gle bheag de na h-abhainnean a tha so-seolta seachad air beagan miltean a-steachd dhan tir: Chan eil an leithid den Rhine, den Seinne, neo an Missisipi againne.

Anns a' Bheurla Sasannaich, tha waterway an t-ainm airson dà rud a tha gu tùr eadar-dhealaichte: claise-amar (air an cruthachadh le daoine) agus - abhainn nadarra nach robh so-seolta ach a chaidh air domhainneachdadh a bhi ga dheanamh so-seolta, chanar "navigation" ri fad abhainn mar seo. Don aobhar sin tha "British Waterways Board" againn, a sheilbheas agus a ghleidheas an dà chuid.

Chan eil fios agam de a' Gaidhlig ceart air "inland communication" ach b' e sin an aobhar a chaidh an cruthachadh. Ma tha cothrom agaibh air leabhar-lann rannschaidh m.e. Oilthigh, cha dean e cron idir a choimhead ri leabhraichean coltach ris "A Treatise on Railroads and Inland communication in General" le Nicholas Woods. Iris de 1826 neo 1838. Cha creids mi nach lorgar e an leabharlannan oilthigh 's a' Ghearmailt ceart cho math ris an Alba. Tha an leithid de leabhraichean a' soillearadh ciamar (agus carson) a chaidh cruthachadh air an seorsa briatharachas teicneolachd a tha againn anns a' Bheurla agus ciamar a tha sin a' ceangail air ais ri sructur chanain anns an fharsuinnead.

Start a discussion about Seòlaid

Start a discussion
Till gun duilleag "Seòlaid".