Dé an t-ainm Ghàidhlig as fhearr air “Hornjoserbšćina” agus “Dolnoserbšćina”?

“Sòrbais Uarach” agus “Sòrbais Ìosal” mar a th’ againn an-dràsta, tha sin gu math neònach leamsa, oir chan càraid a th’ annta Seo na càraidean a b’ urrainn dhuinn a chleachdadh:

  • Sòrbais Uasal
  • Sòrbais Ìosal

no:

  • Sòrbais Uarach
  • Sòrbais Iarach (mar a tha ann an Barbhas Uarach/Iarach, Col Uarach/Iarach, Pabail Uarach/Iarach, Siadar Uarach/Iarach)

no:

  • Sòrbais Uachdair
  • Sòrbais Ìochdair (mar a tha cumanta ann an ainmean àite ann an Éirinn)

no:

  • Sòrbais Uachdarach
  • Sòrbais Ìochdarach (mar a tha san Fhaclair Bheag)

Cha toigh leam “Uasal/Ìosal”, oir tha “Uasal” gu h-àraid a’ ciallachadh rudan eile. ’S e “Uachdarachd/Ìochdarach” a tha san Fhaclar Bheag, agus ’s e adhbhar mór a tha sin a dhol leothasan. Ach tha iad caran fada. Bhiodh “Uarach/Iarach” a’ gléidheadh aonan de na h-ainmean a th’ againn an-dràsta sa Uicipeid.

A bheil barail aig duine eile?

--Caoimhin (an deasbaireachd) 21:40, 16 dhen Ògmhios 2015 (UTC)Reply

Tha adhbhar gun deach sinn le Uachdarach/Ìochdarach san fhaclair ;) chan eil an corr ro iomchaidh, nam bheachd-sa. Akerbeltz (an deasbaireachd) 22:18, 16 dhen Ògmhios 2015 (UTC)Reply
Gu mì-fhortanach cha robh am Faclair Beag ann nuair a thòisich mi air an dà aiste mu “Sòrbais Uarach” agus “Sòrbais Ìosal” bliadhnaichean air ais:-) Bhiodh e ceart gu leòr dhomh an dà chuid a ghluasad gu "Sòrbais Uachdarach" agus "Sòrbais Ìochdarach".--Sionnach (an deasbaireachd) 04:58, 17 dhen Ògmhios 2015 (UTC)Reply

Bhithinn-se riaraichte cuideachd ri Uachdarach/Ìochdarach. Agus bhiodh e a’ tighinn ris an Uachtarach/Íochtarach a tha san aiste Ghaeilge mun t-Sòrbais, agus ris an Eaghtyragh/Eeghtyragh a tha sna bunan tòiseachaidh aig na Manainnich. --Caoimhin (an deasbaireachd) 10:07, 17 dhen Ògmhios 2015 (UTC)Reply

Tha mi a' smaoineachadh gum bu chòir dhuinn sùil a thoirt air a' cheangal seo:
http://www.gaelicplacenames.org/databasedetails.php?id=108
Chì sibh an seantas as cudromaiche aig bonn na duilleige. Dè ur beachd ? --Mocheirich (an deasbaireachd) 17 den Òghmios 2015
ach is ann mu ainmean-àite tha sinn seach cànain. Akerbeltz (an deasbaireachd) 15:22, 17 dhen Ògmhios 2015 (UTC)Reply

Tha mi an dùil nach eil ann an “Uarach/Iarach” ach giorrachadh air “Uachdarach/Ìochdarach”, bho dhaoine sna h-àitichean fhéin a bhith gan canail cho tric. Cho fad ’s is aithne dhomh, chan eil na facail sin sa chainnt ach a-mhàin airson ainmean-àite, agus bhiodh e beagan neònach iad fhaicinn taobh a-muigh Albann, no taobh a-muigh Eilean Leòdhais fiù ’s. Ach tha iad goirid, agus bhiodh sin gu math feumail airson ainmean sràide. Is iomadh sràid ann an Éirinn a tha a’ crìochnachadh le “Uacht./Íocht.” seach gu bheil “Uachtarach/Íochtarach” ro fhada don chlàr-ainme. Agus tha mi a’ faicinn gu bheil Stèisean Taigh an Droma Uarach agus Stèisean Bhaile Eilidh Uarach againn. ’S e “Latharna Ìochdarch” a tha air “Nether Lorne”, agus is e “Loch Abar Ìochdarach” a thagh Ainmean-Àite na h-Alba air “Nether Lochaber” - ged a tha an dà chuid Loch Abar Iochdarach agus Loch Abar Iarach aig Am Baile. The Gearmailtis Ìochdarach againn mu-thràth ann an Liosta nan cànan Innd-Eòrpach, agus tha An Ostair Ìochdarach againn. --Caoimhin (an deasbaireachd) 16:00, 17 dhen Ògmhios 2015 (UTC)Reply

Till gun duilleag "Sòrbais".