Deasbaireachd:Oifis Rùnaire Stàite na h-Alba

Latest comment: 9 bhliadhnaichean air ais by Caoimhin

Inntinneach an dealbh den ainm “An Oifis Albannach”. Chanainn nach eil ann ach droch eadar-theangachadh - no co-dhiù, eadar-theangachadh nach eil cho math - ach eadar-theangachadh a tha air tòiseachadh a’ fàs nas cumanta.

’S e “Oifis na h-Alba” a tha air “Scotland Office” ann am Faclair Riaghaltas Ionadail:

http://multidict.net/multidict/?word=scotland+office&sl=en&tl=gd&dict=Riaghaltas

agus ann am Faclair na Pàrlamaid - agus chan fhaigh thu móran nas oifigeile na sin! Agus anns an Fhaclair Bheag.

Tha an dà chuid “Oifis na h-Alba” agus “An Oifis Albannach” air WWW, air làraichean oifigeil agus làraichean eile, agus feumaidh mi aideachadh gur e “An Oifis Albannach” as cumanta.

B’ fhearr leam fhìn “Oifis na h-Alba”, oir tha e beagan nas fhearr mar Ghàidhlig. Agus tha “An Oifis Albannach” nas coltaiche ris an ainm Bheurla a dh’ fhalbh, “The Scottish Office”.

--Caoimhin (an deasbaireachd) 22:30, 25 dhen t-Samhain 2015 (UTC)Reply

Till gun duilleag "Oifis Rùnaire Stàite na h-Alba".