Tha Màiri Koroleva an seo aig SMO an-dràsta, bho Mhosgo fhéin, agus tha i ag radh rium gum biodh “Moscobha” nas fheàrr mar ainm Gàidhlig air an dùthaich Muscovy/Grand Duchy of Moscow/Московия, agus “Mosgo” a chleachdadh mar Ghàidhlig air a bhaile fhéin - gum biodh sin nas soilleire do dhaoine sa Ruis aig a’ bheil a’ Ghàidhlig, agus cuideachd do luchd na Beurla a tha eòlach air an ainm “Muscovy”. Bha Iain Mac an Tàilleir a’ canail an aon rud nuair a bhruidhinn mi ris beagan bhliadhna bhliadhnaichean air ais. Tha “Comann Gàidhlig Mhosgo” ann cuideachd. --Caoimhin (an deasbaireachd) 20:45, 19 dhen Iuchar 2015 (UTC)Reply

Nochdaidh Moscow mar "Mosgo" cuideachd san Fhaclair Bheag agus air sgàth 's gu bheil “Comann Gàidhlig Mhosgo” a' cleachdadh an dearbh ainm tha mi a' dol leat gum bi an t-ainm "Mosgo" nas fheàrr airson na h-aiste seo. --Sionnach (an deasbaireachd) 06:19, 23 dhen Iuchar 2015 (UTC)Reply
Till gun duilleag "Mosgo".