Gluasad gu Saideal (reul-eòlas)

deasaich

Cha bu chòir dhan alt seo a bhith an-seo. Chan eil am facal fadag ceart idir agus, gu tur nas miosa, chan eil sgeul air ann am faclair sam bith no fiù sna leabhraichean againn air reul-eòlas (can am fear le Donnchadh M Conall). Akerbeltz 19:10, 24 dhen Fhaoilleach 2012 (UTC)Reply

Chaidh mi dhan eachdraidh agus lorg mi seo: chaidh Fadag a chruthachadh ann an 2006; chaidh Saideal nàdarrach a chruthachadh ann an 2007 gu neo-eisimealach; agus ann an 2008, chaidh na bha anns an t-Saideal nàdarrach a ghluasad gu Fadag agus SN fhèin a thionndadh gu ath-threòrachadh [1], [2]. Bhithinn airson an seann teacsa a leasachadh 's a thilleadh dhan SN, m.e. mar seo:
Is e oibseact reul-eòlasach nach eil air a dhèanamh le mac an duine a tha a' cuartachadh planaid no ball eile a tha ann an saideal nàdarrach no gealach. Gu sìmplidh, tha planaidean a' cuartachadh reultan agus saidealan nàdarrach/gealaichean a' cuartachadh planaidean.
agus Fadag a thionndadh dha ath-threòrachadh dhan SN. Air neo Saideal (reul-eòlas) a chruthachadh leis an teacsa sin agus SN is Fadag ath-threòrachadh ann. --Thrissel 19:39, 26 dhen Fhaoilleach 2012 (UTC)Reply
Till gun duilleag "Fadag".