Iapan seach Siapan

deasaich

Tha bacadh air gluasad na duilleige Siapan gu Iapan. 'S e Iapan a thathas a' cleachdadh gu h-oifigeil a-nis airson Japan, ged 's e An t-Seapan ainm eile a th' againn. 'S fheàrr leam fhìn An t-Seapan, ach a dh' aindeoin sin, tha mi a' cleachdadh Iapan ann an Wikipedia air sgàth socradh rannsachaidh.Steaphan30

Rinn mi beagan rannsachaidh mun ainm Siapan, Iapan neo An t-Seapan. Chan fhaca mi an t-ainm Siapan neo Iapan ann an àiteigin sam bith (Dwelly, neo stòr-dàta SMO neo Faclair na Pàrlamaid amsaa..), ach chunnaic mi An t-Seapan anns an Colin Mark: Am Faclair Gàidhlig-Beurla (2004). Mar sin s' fheàrr leam-sa an t-aimn An t-Seapan. Ach thuirt sibh, gur e Iapan a thathas a' cleachdadh gu h-oifigeil a-nis. Cò agus càite? An e ainm oifigeil a tha ann an Iapan? 'S e sin an ceist.--Sionnach 20:59, 28 An Lùnastal 2007 (UTC)
Seadh, sin an ceist gu dearbha. Thathas ga cleachdadh le BBC Alba, agus ma bhios i ga cleachdadh leothasan, tha sin a' dèanamh gu bheileas ga cleachdadh anns na sgoiltean Ghàidhlig, mar is fhiù is mar is fhiosrach mi co-dhiù. Tha leabhar ann a gheibhear à Comhairle nan Leabhraichean, air a bheil Ionnsaich mu Iapain. Chan fhoillsich iadsan ach leabhraichean air an litreachadh a-rèir riaghailtean GhOC (Gaelic Orthographic Conventions). Tha an leabhran GOC agam an seo, agus air duilleag 13, tha e a-mach air Sound adaptation and loan words. Initial J may be represented by i: Iapan (Japan). A dh' aindeoin sin, 's gann gu faighear sinn lorg air Iapan air an eadar-lìon.
Nan toirinn-sa seachad tuaiream mun t-suideachaidh sin, chanainn-sa gur e a th' anns an fhacail "Iapan" ach Gàidhlig an taobh tuath, seach Gàidhlig taobh deas na Gàidhealtachd. Thathas a' cleachdadh antSeapáin ann an Èirinn agus tha Gàidhlig na h-Èireann 's Gàidhlig Earra-Ghàidheil nas daimheala dhan a chèile. 'S mòr am beud nach do thagh iad An t-Seapan! Tha e fada nas "Ghàidhealaiche" ri mo chluasan fhèin. B' e An t-Seapan a bh' air an dùthaich mus tàinig riaghailtean ùra GhOC a-mach. Steaphan30
Glè mhath, tha sin gu math soilleir. Tha sin uabhasach innteanach!
Cò-dhiù, rinn mi e. Ghluais mi an aiste bho Siapan gu Iapan agus chuir mi ath-stiùiridh air Siapan. Tha mi an dòchas gum bi sin iomchaidh dhuibh. Agus chuir mi bocsa fiosrachaidh ann cuideachd. Ach tha an teacsa tursail ann fhathast.
Agus tha smuain eile agam: Bu toil leam leth-bhreac den deasbad an-seo a chur air an duilleag Iapan#deasbaireachd. Chunnaic mi gun do ghluais Iapan bho Japan gu Iapan gu Siapan agus an-nise air ais gu Iapan. Mar sin dheth bu toil leam an t-adhbhar a chur ris an aiste. Dè ur beachd?--Sionnach 21:53, 29 An Lùnastal 2007 (UTC)
Gun teagamh, chan eil dragh sam bith agam a thaobh a bhith a' dèanamh sin. Cha bu mhath leam cuideigin eile a' tighinn a-steach agus na mearachdan a chur air ais air a-rithist! Steaphan30

Leth-bhreac bhon duilleag deasbaireachd aig Sionnach

Sa chiad dol a-mach, tha mi duilich a chionn 's gun do ghluais mi Iapanais gu Seapanais gun deasbad, leugh mi rudeigin gu cearr agus bha e anmoch air an oidhche... gluaisidh mi air ais e (nuair a gheibh mi mach mar a nì mi sin thairis air redirect) ach mus gluais, bu toigh leam an cuspair seo a thogail as ùr.
Tha mi dol leis na h-argamaidean uile gu h-àrd a thaobh Siapan - droch chruth air an fhacal sin. Ach tha car eile sa chùis a-nist: chunna mi gu bheil Microsoft agus bathar-bog eile a' cleachdadh (an t-)Seapan seach Iapan. Tha fhios a'm gu bheil BBC Alba a' cleachdadh Iapan mar is trice ach tha iad-san gu math tro chèile a thaobh ainmean mar sin. 'S e an duilgheadas, 'nam bheachd-sa, le Iapan gum bi an dàrna lide fada aig mòran dhaoine, mar gum b' e *Iapàn a bhiodh ann, agus chan eil /jaʰban/ furasta ri ràdh no faisg air Japan idir. Chanainn-sa gum b' fheairrde dhuinn tionndadh gu Seapan ach dè beachd a th' agaibhse? Akerbeltz 13:54, 14 dhen Ghearrain 2011 (UTC)
Mar a thuirt mi roimhe, 's e fheàrr leam fhìn "(an t-)Seapan" a-rèir Colin Mark agus ma bhios an litreachadh seo a' fàs nas cumanta a-nis, bu chòir dhuinn an aiste a ghluasad agus an dà dòigh sgrìobhaidh a' cur ris, agus na tùsan cuideachd (mar a rinn mi e anns an Danmhairg). --Sionnach 21:53, 14 dhen Ghearrain 2011 (UTC)

Ok, gluaisidh mi e, cha do nochd beachd 'na aghaidh thairis air a' chola deug seo chaidh. Akerbeltz 11:10, 28 dhen Ghearrain 2011 (UTC)

Till gun duilleag "An Iapan".