Deasbaireachd:A' Bheurla Ghallda
Nach eil e "Albais" anns a Ghaidhlig? (Chan eil agam ach beagsa Gaidhlig, tha mi duillich) - Donnchadh mac Alasdair
- A Dhonnchaidh, ged nach eil "Albais" ceàrr, 's e am facal "Beurla Ghallda" [1] an t-ainm nas fheàrr airson "Scots", faic eachdraidh na duilleige. --Sionnach 19:18, 12 An Cèitean 2009 (UTC)
Tiutonach/ Sasainneach
deasaichChuir mi an atharrachadh 'Tiùtonach' > 'Sasannach' air ais. Tha am facal 'Sasannach' a' buntainn ris an dùthaich, Sasainn. Chan eil e a' buntainn ris a' chànan 'Beurla'. Chan eil 'Sasannach' co-ionnan ri 'English' anns an t-seagh sin. 'S dòcha gum biodh 'Gearmaineach' nas fheàrr anns an aiste seo, a' leantainn an [Roinn-seòrsa:Cànain Ghearmaineach] air th' air an Uici mar-tha? Emain Macha (an deasbaireachd) 12:16, 12 dhen t-Samhain 2016 (UTC)
- Am biodh “Anglanach” na b’fhearr na “Sasannach”? Oir b’iad na h-Angles a bha ann an Northumbria, fhad ’s a bha na Saxons ann an ceann a deas Shasainn - féach am mapa air an duilleig seo. Chan eil mi fhìn cinnteach. Tha e a’ crochadh air dé cho fad ’s a théid thu air ais, a bheil “Sasannach” a’ ciallachadh English no Saxon. --Caoimhin (an deasbaireachd) 23:22, 12 dhen t-Samhain 2016 (UTC)
Bhiodh cànan "Beurla" (tha mi a`ciallachadh "an English or Anglic language") na b`fhèarre a chionn `s gur e cainnt neo-shoilleir a tha "Tiùtonach" anns an co-theacsa seo is chan eil an diofar cho mòr ri eadar Duitis is Gearmailtis neo a `Bheurla is Suenois. A bharrachd air sin,bhiodh daoine aig nach eil a Bheurla a`smaoineachadh gu bheil diofar ann cho mòr ri eadar Duitsis is Suainis is chan eil sin an fhirrin idir.(gun fo-sgrìobhadh le 2a02:908:1861:a9c0:e0f7:dbcb:2b0c:5501 23:55, 12 dhen t-Samhain 2016 )
Aig an taobh eile, bhiodh Anglanach na b`fhèarre mura bhiodh "Beurla" ceadaichte agus bhiodh sin a'dèanamh barrachd cèille na"Tiùtonach". nam bheachdsa. Cannaidh daoine gu bheil diofar ann eadar Scots is English is gur e teanga "Anglic" a tha Scots, ach tha coltas ann cuideachd is chan eil Tiùtonach cho freagarrach air a shon.Dè tha cèarr le Anglanach airson "an Anglic language"?(gun fo-sgrìobhadh le 2a02:908:1861:a9c0:e0f7:dbcb:2b0c:5501 00:29, 13 dhen t-Samhain 2016 )
- Nam bheachd-sa bu chòir dhuinn na faclan "Sasannach", "Beurla" no "Tiùtonach" a sheachnadh air sgàth 's gu bheil iad mi-shoilleir anns a' cho-theacsa seo. A reir Glottolog 2.7. (deas. Hammarström, Harald & Forkel, Robert & Haspelmath, Martin & Bank, Sebastian. 2016. Max Planck Institute for the Science of Human History.) tha a' Bheurla Ghallda a' buntainn ris an teaghlach cànain "Anglian". Nochdaidh sin cuideachd aig Maguire, Warren: English and Scots in Scotland a sgrìobhas mu "anglian diaclects" Tha an dà chuid ag aonachadh gur e cànan 'Gearmaineach' a th' innte. Mar sin mholainnsa "cànan Gearmaineach" no facal freagarrach sa Ghàidhlig airson "Anglic language". --Sionnach (an deasbaireachd) 10:25, 13 dhen t-Samhain 2016 (UTC)
- PS: Is dòcha "cànan Anglach" (a rèir am Faclair Beag) --Sionnach (an deasbaireachd) 11:01, 13 dhen t-Samhain 2016 (UTC)