Deasbaireachd:A' Bhaidhearn

Latest comment: 7 bhliadhnaichean air ais by Caoimhin

An e “A’ Bhaidhearn” an t-ainm agus litreachadh Gàidhlig as fhearr air an dùthaich? Tha mi a’ faicinn fo Bavaria ann an Wiktionary

From Medieval Latin Baioarii ‎(“Bavarians”), from Late Latin Bojuvarii, literally, "Boii settlers", compound of Gaulish Boii ‎(“the Boii tribe”) and Proto-Germanic *warjaz /ˈwɑr.jɑz/ ‎(“settler”) (compare Old Norse verjar ‎(“defender, settler”)), from Proto-Indo-European (compare Welsh gwerin ‎(“crowd”)

Tha Geiriadur Prifysgol Cymru ag innse gu bheil gwerin càirdeach ris an fhacal Gàidhlig foireann. Bhiodh sin a’ ciallachadh gum biodh an litreachadh A’ Bhaifhearn, le ‘f’, is dòcha na bu fhreagarraiche sa Ghàidhlig??

Tha mi a’ faicinn gur e Bægware a bha aig a’ Sheann-Bheurla. Tha sin a’ sealltainn a’ chàirdeis ri gwerin.

Chan eil mi ag às-aontachadh - dìreach a’ cur ceiste. --Caoimhin (an deasbaireachd) 12:37, 24 dhen Fhaoilleach 2017 (UTC)Reply

Chan fhaic mise fuasgladh nas fhearr, bhitheadh dad mar Babha(i)ria a' briseadh riaghailtean fuaim-eòlas na Gàidhlig agus chan eil -fh- am meadhan facail cumanta agus mar gheibhear e, cha bhi fuaim ann no bidh e 'na bheàrn. Akerbeltz (an deasbaireachd) 12:58, 24 dhen Fhaoilleach 2017 (UTC)Reply

Móran taing. Tha mi a’ tuigsinn agus ag aontachadh. A bharrachd air sin, tha Domhnall Uilleam Stiùbhart air innse dhomh gu bheil artagail A’ Bhaidhearn le Somhairle MacGill-Eain ann an Gairm, 12 (Samhradh 1955), 343-8! Leis a sin, ’s e an litreachadh sin, an litreachadh a th’againn, as freagarraiche. --Caoimhin (an deasbaireachd) 18:35, 24 dhen Fhaoilleach 2017 (UTC)Reply

Till gun duilleag "A' Bhaidhearn".