Chaidh ainm na duilleig seo atharrachadh bho Ùige gu An Ùige, ach tha mi cha mhór cinnte gu bheil sin ceàrr.

Anns an Stòr-dàta de dh’ainmean-àite aig Iain Mac an Tàillear, tha e ag ràdh, a thaobh bailtean air a bheil Uig' sa Bheurla gur e:

  • An Ùig an t-ainm Gàidhlig a tha air Uig ann an Siorachd Rois
  • Ùig an t-ainm Gàidhlig a tha air Uig ann Coll, agus air Uig ann an Leòdhas
  • Ùige an t-ainm Gàidhlig a tha air Uig anns an Eilean Sgitheanach

Leis a’ sin, ’s e “Ùige” a bu chòir a bhith air an duilleig, tha mi a’ smaoineachadh, agus bu chòir “ann an Ùige” a sgrìobhadh an àite “anns an Ùig'”. Tha sin a’ còrdadh ri na tha mi fhìn air cluinntinn cuideachd.

--Caoimhin (talk) 19:07, 7 dhen Dùbhlachd 2013 (UTC)Reply

P.S. Tha mi làn-cinnteach a-nis. Tha mi dìreach air tighinn tarsainn air seo, seanchaidh bhon sgìre fhéin a’ bruidhinn, agus ’s “ann an Ùige” a thuirt esan.

--Caoimhin (talk) 20:25, 7 dhen Dùbhlachd 2013 (UTC)Reply


Tha thu ceart a thaobh Mhic an Tàilleir. Mòran taing. Cheartaich mi sin anns an aiste.
Ach a thaobh an Ùig faic Ainmean-àite na h-Alba
English name Uig
Gaelic name An Ùig
Location Skye, Inner Hebrides, Post town PORTREE
Mar sin 's e an Ùig an t-ainm oifigeil a th' ann a-nis. --Sionnach (talk) 08:14, 8 dhen Dùbhlachd 2013 (UTC)Reply

Tha mi fhathast a’ smaoineachadh gu bheil “An Ùig” ceàrr, a dh’aindeoin ’s gur e sin a tha aig Ainmean Àite na h-Alba, tha mi a-nis a’ faicinn. (Chan eil an “Lorg sìmplidh” aig AÀA ag obrachadh ceart agus cha robh mi air lorg fhaighinn air an toiseach.)

An rud a leum a-mach às an duilleig orm mar rud ceàrr, b’ e nuair a leugh mi sa Uipipeid gun d’rugadh Aonghas Dubh MacNeacail “*anns* an Ùig”. Dh’fhaighnich mi de dhiofar daoine aig SMO agus thuirt iad nach biodh duine sam bith a’ canail “anns an Ùig”. Ach ma tha “An Ùig” ceart, dh’fheumamaid gabhail ri “anns an Ùig”. “An Gearasdan” ⇒ “anns a’ Ghearasdan”; “An t-Òban” ⇒ “anns an Òban”; “An Ungair” ⇒ “anns an Ungair”. Ach: “Ulapul” ⇒ “ann an Ulapul”; “Uibhist” ⇒ “ann an Uibhist”.

Airson a bhith cinnte, dh’fhón mi Aonghas Dubh fhéin. Seo mar a chaidh an còmhradh:

Mise: Càit an d’rugadh tu Aonghais?
Aonghas: Ann an ospadal […] ann an Ùige anns an Eilean Sgitheanach.
Mise: ‘Ann an Ùige’? Am b’urrainn dhut a ràdh “air an Ùige”?
Aonghas: *Ann* an Ùige.
Mise: Am b’urrainn dhut a ràdh, ‘Ann an *Ùig*’?
Aonghas: ’S e ‘Ann an Ùige’ a chanas sinne.
Mise: Am b’urrainn dhut a ràdh, ‘*Anns* an Ùige’?
Aonghas: No.

A-réir mar a chì mi, an aon ùdaras a tha aig AÀA airson “An Ùig”, ’s e Forbes (Place-names of Skye), t.d.440, far a bheil, fo Uig, Uige, Wig, “An d-Uig, An Uig (locally)”. Ach bhiodh e furasta bhith dol tro-chéile eadar “(ann an) Ùig” agus “an (An Ùig)”. Agus tha Forbes fhéin a’ toirt air t.d.442 an eisimpleir “Am fasan a bh’ ac’ ann an Uige/Cha ’ fhaca mi riamh na m’ dhuthaichs’”.

Ma nithear “anns an Ùig” no “anns an Ùige” a Ghoogladh, chan eil dad idir ri fhaighinn. Ma nithear “ann an Ùige” a Ghoogladh, tha tòrr eisimpleirean ann an deagh Ghàidhlig a’ nochdadh.

--Caoimhin (talk) 00:13, 10 dhen Dùbhlachd 2013 (UTC)Reply

Labhair mi mu dheidhinn seo ri Iain Tormod MacLeòid, bho Stafainn san Eilean Sgitheanach. Bha esan deimhnichte gur e “ann an Ùige” a bu chòir a ràdh, agus gun robh “anns an Ùig” ceàrr. Cha robh barail cho làidir aige a thaobh ainm lom a’ bhaile: An Ùig/Ùig/Ùige. Ach tha an dà rud a’ dol còmhla a-réir gramair na Gàidhlig: nan cuireadh tu “An Ùig” mar ainm air a’ bhaile, dh’fheumadh tu an uair sin canail “anns an Ùig”.

Labhair mi ri Tormod MacGillÌosa (à Tròndairnis) cuideachd, agus thuirt esan an aon rud ri càch: gur e “ann an Ùige” a chanas tu, agus gu bheil “anns an Ùig(e)” ceàrr

--Caoimhin (talk) 01:19, 18 dhen Dùbhlachd 2013 (UTC)Reply

Labhair mi ri Mòrag NicGumraid (à Dùn Bheagain) agus thuirt ise cuideachd an aon rud ri càch: gur e “Ùige” ainm a’ Bhaile, gur e “ann an Ùige” a chanas tu, agus gu bheil “anns an Ùig(e)” ceàrr

--Caoimhin (talk) 20:58, 9 dhen Fhaoilleach 2014 (UTC)Reply

Till gun duilleag "Ùige".