Dearcmhara shawcrossi
Dearcmhara shawcrossi | |
Rangachadh saidheansail | |
Rìoghachd | Animalia |
Fìleam | Chordata |
Clas | Reptilia |
Òrdugh | Ichthyosauria † |
Fo-òrdugh | Neoichthyosauria † |
Gèineas | Dearcmhara † |
Spèiseas | D. shawcrossi † |
'S e seòrsa Ichthyosaur a tha ann an Dearcmhara shawcrossi. Chaidh cnàmhan a thaisgealadh ann an 1959 ann am Bàigh Bearreraig faisg air Stafainn anns an Eilean Sgitheanach. [1] Tha na h-eòlaichean dhen bheachd gur e seòrsa ùr a th' anns an Dearcmhara shawcrossi.[1] Bha an snàgair bho linn na h-ailbhinn gu bith 14 troighean a dh'fhad bhon t-sròin chun an earbaill, agus bha e beò o chionn mu 170 millean bliadhna. (Meadhan-Diùrasach). 'S e sin a' chiad ichthyosaur ann an Alba a nochdas ann an foillseachan saidheansail. [2]
Chaidh na cnàmhan a lorg le Brian Shawcross a bhuineas don àite fhèin. Gus urram a thoirt air Shawcross chaidh an fhosail ùr ainmeachadh gu h-oifigeil a rèir an duine seo. Ged a tha ainmean Gàidhlig oifigeil gann air seòrsaichean bheathaichean tha a' chiad ainm "Dearcmhara" aon dhiubh.[1]
Tha an fhosail anns an Hunterian Museum ann an Glaschu a-nis.
Iomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 1.2 Guardian 11 Faoi. 2015 (Beurla) Leughte 11 Faoi. 2015
- ↑ Stephen L. Brusatte et al. (2014) Ichthyosaurs from the Jurassic of Skye, Scotland, Scottish Journal of Geology td.11 (Beurla) Leughte 11 Faoi. 2015