Curcuma
Curcuma longa
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Plantae
Fìleam Magnoliophyta
Os-chlas Zingiberidae
Clas liliopsidae
Òrdugh Zingiberales
Teaghlach Zingiberaceae
Gèineas Curcuma
Spèiseas C. longa
Ainm saidheansail
Curcuma longa Linnaeus[1]

'S e freumh den lus Zingiber officinale a tha ann an curcuma (Laideann: Curcuma longa) [2]. Tha e anns an teaghlach Zingiberaceae, far a bheil càrdamon agus dinnsear cuideachd. Tha curcuma a' tighinn à Àisia a Deas. Tha dith air na lusan blàth eadar 20 °C is 30 °C fhaighinn agus mòran uisge airson fàs. Cruinnichear na freumhan gach bliadhna, gan gaoil airson cuid uairean a thìde agus an uair sin gan tiormachadh ann an àmhainn teth. Meilear iad gu pùdar a chleachdar mar spìosradh. Tha curcuma gu math cumanta ann am biadh Àisianach. Cleachdar e airson dath buidhe a chur ri aodach is pàipear agus ann an leighis Ayurveda cuideachd. Anns na Meadhan-Aoisean chanadh "cròch Innseanach" ris cuideachd, air sgàth 's gun deach a chleachdadh an àite cròch a bha fada nas daoire.[3]

Iomraidhean

deasaich
  1. Curcuma longa (Beurla)
  2. Am Faclair Beag
  3. Is it Turmeric or Saffron? (Beurla)
 
Freumh de churcuma