Co-chomharran: 53°10′01″N 4°04′01″W / 53.167°N 4.067°W / 53.167; -4.067

'S e creag sglèata a th' ann an Cuaraidh Penrhyn (Cuimris: Chwarel y Penrhyn; Beurla: Penrhyn Slate Quarry) faisg air Bethesda ann an ceann a thuath na Cuimrigh. Aig deireadh an 19mh linn b' e sin a' chreag sglèata a bu mhotha a bh' ann air feadh an t-saoghail, bha an sloc a bu mhotha gu bhith mìle (1.6 km) a dh'fhad is cho ìosail ri 1.200 troigh (370 meatair). Bha gu bhith 3.000 creagadair ag obair ann. Aig toiseach an 20mh linn sin nochd cuaraidhean na bu mhotha anns an t-Sìona, an Spàinnt is anns na Stàitean Aonaichte. Ged nach eil ach gu bhith 200 luchd-obrach ann a nis tha Penrhyn fhathast na creag sglèata as motha ann am Breatainn.

Cuaraidh Penrhyn, mu thimcheall air 1900

Chaidh a' chreag sglèata a leasachadh anns na 1770an le Richard Pennant, Baran Penrhyn, ged a tha coltas ann gun do tòisich buain sglèatan aig ìre bheag ion-dùthchail an seo fada roimhe sin. Cha deach bun-structar giùlain a chruthachadh mus an robh Pennant an sàs ann. Bhon uair sin chaidh na sglèatan a thoirt bhon chuaraidh gu port-mara ann am Port Penrhyn leis a' Phenrhyn Quarry Railway a chaidh a thogail ann an 1798, aon de an loidhnichean rathad-iarainn a bu tràithe a bh' ann. Anns an 19mh linn b' iad Cuaraidh Penrhyn is cuaraidh Dinorwic an fheadhainn a bu chudromaiche ann an gnìomhachas sglèata na Cuimrigh.

Air sgath 's na tachartasan ann am Penrhyn bha iad cliùiteach ann an eachdraidh Gluasad Làbarach Breatannach. Bha an luchd-obrach ag iarradh pàigheadh na b' fheàrr is àite-obrach na bu sàbhailte. Chaidh iad air staic airson a' chiad turais ann an 1896 fhad 's aon mhios deug. Thòisich an dàrna stailc san 22mh dhen t-Samhain 1900 agus mhair i fad trì bliadhna. Dh'fhàs "The Great Strike of Penrhyn" ainmeil mar stailc as faide ann an eachdraidh gnìomhachas na Rìoghachd Aonaichte. Mar a b' fhaide a bha an staic a' dol b' ann a bu lugha dh'fhàs earbsachd an luchd ceannachd ann an gnìomhachais sglèata ann an Cuimrigh a thuath. Chaill mìltean den luchd-obrach na cosnaidhean aca.

Eadar 1964 is 2007 bha an cuaraidh aig Alfred McAlpine PLC.[1] Ann an 2007 chaidh a cheannachd airson 31 millean £ le Kevin Lagan, neach-gnìomhachais à Èirinn aig a bheil an Lagan Group.[2][3] Bhon àm sin tha ainm ùr aige: "Welsh Slate Ltd". 'S iad Kevin Lagan agus a' mhac aige, Peter stiùirichean a' chompanaidh. Tha an Welsh Slate Ltd. a' gabhail a-steach cuaraidh Oakeley ann am Blaenau Ffestiniog, cuaraidh Cwt Y Bugail agus cuaraidh Pen Yr Orsedd cuideachd.

Iomraidhean

deasaich
  1. Taigh tasgaidh nàiseanta nan sgleatan
  2. BBC UK
  3. Welsh Slate Company
  • Hughes, J. Elwyn, Hughes, Bryn and Wood, Dennis S. (1979): The Penrhyn Quarry:Yesterday and Today. Penrhyn Quarries Ltd. 


Ceanglaichean a-mach

deasaich