Cruadhachadh
Canar cruadhachadh ri pròiseas sa bheil consan 'ga dhèanamh nas treasa 's nas cruaidhe de chonsan nas laige. 'S e seo caochladh an sèimheachaidh. Mar eisimpleir, dh'fhaoidte gun dig stad-chonsan an àite suathaich, can [b] an àite [v] no [d] an àite [r]. Chan eil seo a cheart cho cumanta 's a tha an sèimheachadh ach gheibhear seo ann am prìomh-ionadan fhaclan, can aig toiseach facail no ann an lide le beum.
Buill-eisimpleir
deasaichGearmailtis
deasaichTha an gluasad o [θ] is [ð] gu [t] is [d] gu math cumanta leis gu bheil na suathaich seo car ainneamh is mì-sheasmhach air feadh cànain an t-saoghail. Thachair seo sa mhòrchuid dhe na cànain Ghearmaineach air tìr-mòr na Roinn-Eòrpa agus cuid a dhual-chainntean na Beurla.
Gàidhlig
deasaichTachraidh seo cuideachd nuair a ghabhas cànan ri faclan-iasaid agus tha seo gu sònraichte cumanta sna cànain Ghàidhealach a chionn 's nach eil cuid mhath dhe na suathaich ceadaichte aig toiseach facail (ach [s̪] agus [ʃ]) sa chruth bhunaiteach. Ri linn sin, thèid suathaich aig toiseach facail-iasaid a neartachadh dhan t-seise as fhaisge air sa chànan Ghàidhealach.
Mar eisimpleir:[1]:
/v/ | → /p/ | Beurla Ghallda vervain → bearbhain /pɛɾavɛɲ/ |
/hw/ | → /kʰ/ | Beurla Ghallda wheel → cuidheall /kʰujəl̪ˠ/ |
/w/ | → /p/ | Beurla Ghallda wall → balla /pal̪ˠə/ |
/f/ | → /p/ | Laideann fundus → bonn /pɔun̪ˠ/ (foundation) |
/θ/ | → /t̪ʰ/ | Lochlannais þrǣll → tràill /t̪ʰɾaːʎ/ (slave) |
/h/ | → /t̪ʰ/ | Beurla Ghallda hogshead → tocasaid /t̪ʰɔʰkəs̪ətʲ/ |
/j/ | → /kʲ/ | Beurla Ghallda yawl → geòla /kʲɔːl̪ˠə/ |
Gàidhlig na h-Èireann
deasaichTha a' Ghaeilge a' leantainn cha mhòr an dearbh phàtran ach thathar a' cur às dha /h/ mar is trice, seach a thionndadh 'na /t/:)[2]
/v/ | → /b/ | Beurla vervain → beirbhéine |
/hw/ | → /f/ | Beurla whippet → fuipéad |
/w/ | → /b/ | Beurla wick(s) → buiceas |
/θ/ | → /t̪ʰ/ | Beurla theorem → teoirim |
/θ/ | → /t̪ʰ/ | Lochlannais þrǣll → tráill |
/j/ | → /g/ | Beurla yeoman → gíománach |
/j/ | → /gʲ/ | Beurla yeast → giosta |
Gàidhlig Eilean Mhanainn
deasaichGheibhear seo sa Mhanannais cuideachd ach nas lugha dheth leis gu bheil barrachd suathaich ceadaichte sa chànan seo aig toiseach facail. Seo grunn eisimpleirean:[3]
/v/ | → /b/ | Beurla wall → boailley /bɔːlə/ |
/hw/ | → /kʰ/ | Beurla wheel → queeyl /kwiːl/ |
Tùsan
deasaich- ↑ MacBain, A. (1911) An Etymological Dictionary of the Gaelic Language. Gairm.
- ↑ (1993): Foclóir póca: English-Irish/Irish-English dictionary. Dublin: An Gúm. ISBN 1-85791-047-8.
- ↑ Brodick, G. A Handbook of Late Spoken Manx (1986) Niemeyer ISBN 3-484-42905-4
- Crowley, Terry. (1997) An Introduction to Historical Linguistics. 3rd edition. Oxford University Press.