'S e crotal fàs-bheairt prìomhadail a tha na cho-aonachadh co-bheathachail de fungas agus companach foto-cho-churach, mar as trice lìrean (iolra: crotail).

Xanthoria parietina, seòrsa cumanta de chrotail.

Tha morf-eòlas, beò-eolas, agus bith-cheimigeachd nan crotal gu math difirte bho na th' aig an fhungas agus an lìrean.

Gheibhear crotail ann am farsaingeachdan iomallach, mar tundra Arctaig agus fàsaichean teth, agus tha iad gu math cumanta a' fàs air clachan agus stocan is meuran craoibh air feadh an t-saoghail.

Diofar seòrsa crotail:[1]

deasaich
  • crotal ceann-phrìne (Chaenotheca brunneola)
  • crotal coille (Lobaria pulmonaria)
  • crotal còinnich (Cladonia spp.)
  • crotal corcra cupanach (Cladonia coccifera)
  • crotal dubh (Hypogymnia physodes)
  • crotal geal (Ochrolechia parella)
  • crotal litreach (Graphis scripta)
  • crotal mall-fhàis (Lecanora rupicola)
  • crotal oir-bhuidhe brù-bhreac (Pseudocyphellaria crocata)
  • crotal sgèithe mogalach (Parmelia sulcata)
  • crotal socaid (Solorina saccata, S.spongiosa)
  • crotal stuic (Cladonia botrytes)

Iomraidhean

deasaich
  1. Faclan Nàdair aig Dualchais Nàdar na h-Alba

Ceanglaichean a-mach

deasaich
  • Leabhran air Crotail bho Dualchais Nàdar na h-Alba (Gàidhlig)