Bhualadh Haiti le crith-thalmhainn neart Richter 7.3 air 12 am Faoilleach 2010.

Meadhan baile Phort-au-Prince as dèidh na crith-thalmhainn

Thuit mìltean de thogalaichean anns a' phrìomh chathair Port-au-Prince, nan measg An Lùchairt Nàiseanta (Àros nan Uachdarain), Àros a' Phàrlamaid agus Ceann-Oifis nan Cìsean. Thuit a' chuid a bu mhotha de na taighean eiridinn agus cha robh an coir ann an staid sàbhailte. Dh'fhàillig siostaman-conaltraidh na dùthcha uile gu lèir anns na h-uairean as dèidh a' chiad chrith. Mus do thòisich an t-uabhas seo, b' i Haiti an dùthaich bu bhochd san t-saoghal siarach agus, coltach ri iomadh eilean eile sa Chairibean chan eil caighdeanan togalach aig Haiti idir (is anns na 1930an a chuireadh caighdeanan togalach an gnìomh an Breatuinn mar eisimpleir). A reir luchd-innlichidh, is gann gun robh togalach air bith sa chathair dealbhaichte a bhith seasmhach an aghaidh crith-thalmhainn.

Creag-eolas

deasaich
 
Àite far an robh a' chrith-thalmhainn

Co-ordanaich: Tuatha Iar. Bha làr na crith-thalmhainn mu 25 km bho Phort-au-Prince aig domhainnead de 13km. Bha a' chiad bhuail aig Neart Richter 7.3 agus na bualan leantainneach aig Neart Richter 5.0-5.3.

Naidheachd Latha Air Latha

deasaich

12.01.2010: Bhuail crith-thalmhainn. Bha aithisgean tràth a' measadh gun do dh'eug "ceudan". Tha mìltean glacta fo thogalaichean a thuit.

13.01.2010: Suas ri 200 luchd-obrach an UN dith. Bha Ceannard Mission an UN air a lorg marbh.

14.01.2010: Measaichte gu bheil 45,000-50,000 marbh. Tha 2,000,000 duine gun dhachaigh agus 3,000,000 an èiginn. Tha taic bho thìrean cèin a' tòiseachadh air tighinn a-steach tron phrìomh raon adhair. Tha feachdan-riaghaltais Peru, Brazil an Haiti mar a tha agus a' toirt cobhair.

15.01.2010: Tha stòrasan teasairginn a-nis air lìonadh Raon-adhair Port au Prince, far a bheil iad stuicte a chionn 's gun do rinn an crith-thalmhainn lèir-sgrios air na rathaidean a-mach às an raon-adhair. Chuala aithisg gu bheil aonad-innlichidh de arm nan Stàitean Aonaichte air tòiseachadh air caradh an rathaid dhan chathair. Rinn an crith-thalmhainn sgrios air a' chala gu ìre nach eil comas aig luingean a bhith ga cleachdadh idir. Tha riaghaltas Hiati a' measadh gun deach tìodhlacadh air 40,000 neach gu ruige seo agus tha suas ri 100,000 marbh fhadhast fo thobhtaichean a' chathair. Tha muinntir a' chathair beò air èiginn air na sraidean na bothan agus pàilleanan dèanta à stuth a shabhal iad bho sitig nan taighean aca. Tha biadh a' fàs gann, meirle-èiginn air tòiseachadh agus an sluagh a' fàs an-fhoiseil nach do ràinig teasairginn a' chathair fhathast.

8.02.2010 : Tha e cinnteach gun do dh'eug corr is 200,000 duine an Port au Prince.

Iomairt Teasairginn Eadar-nàiseanta

deasaich

14.01.2010 Tha faochadh eadar-nàiseanta a' tòiseachadh air tighinn a-steach dhan dùthaich. Tha na Stàitean Aonaichte air $100M a ghealladh .

15.01.2010 Le cala Port au Prince gun fheum tha cuid de na buidhnean teasairginn a' cur air tìr aig Santo Domingo agus a' leantainn rathaidean-ùir gu Haiti. Tha Cuba air fuasgladh a speuran ri itealain nan Stàitean Aonaichte gus am bith iad a ruigsinn Haiti nas luaithe. Tha sgiobaidhean teasairginn Cubach an Haiti.

Fuilingeas & Faochadh

deasaich
 
Feachd-chòmhnaidh ann am Port-au-Prince

12.01.2010: Cha robh ach aon ionad-eiridinn ag obair: Ospadal Raon aig Feachd Adhair na Argantain.

13.01.2010: Bha an t-ospadal Argantaineach fhathast a h-aon ionad leighis ag obair gu ceart ach bha Medecin sans Frontieres a' measadh gun robh dà thaigh eiridinn am Port-au-Prince ann an stàit so-cleachdta.

 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: