Ardea cinerea
A' Chorra-ghritheach
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Animalia
Fìleam Chordata
Clas Aves
Òrdugh Pelecaniformes
Teaghlach Ardeidae
Gèineas Ardea
Spèiseas A. cinerea
Ainm saidheansail
Ardea cinerea (Linnaeus, 1758)
Briathran Gàidhlig eile
Corra-ghlas

'S e eun a th' anns a' chorra-ghritheach (Laideann & ainm saidheans: ardea cinerea, Beurla: grey heron).

Ardea cinerea

Lorgar iad anns na h-àiteachan le gnàth-shìde mheasarra sa Roinn-Eòrpa, Àisia, agus ceàrnaidhean de dh'Afraga.

Giùlan

deasaich

Chithear a' chorra-gritheach an cois na mara agus an cois aibhnichean. Coisichidh i air oitir a' lorg bìdh. Nuair a tha i a' sealg, faodaidh i a bhith na seasamh gun ghluasad fad ùine mhòr. Ithidh i èisg, daolagan, radain, luchain agus losgannan.[1]

Tha gob, casan, agus amhaich fada aig a' chorra-ghritheach. Tha a ceann geal le bann dubh a' dol tarsainn a sùilean. Tha a sùilean fhèin agus a gob buidhe. Tha a h-amhaich geal. Tha a druim agus a broilleach liath. Tha a sgiathan liath agus dubh. Tha a casan donn.

Gu tric, bidh inbheach 91cm a dh'fhaide.[1]

Chan eil e furasta an diofar eadar am fear agus an tè fhaicinn. Tha an ite air cùl a cinn nas giorra aig an tè.

Tha lèirsinn anabarrach math aig a' chorra-ghritheach.

Faodaidh a' chorra-ghritheach a bhith beò fad 25 bliadhna.


Modh-sìolaidh

deasaich

Beiridh i 3 - 5 uighean gach bliadhna eadar An Gearran is An Cèitean. Tha iad soilleir-ghorm.[1]


Anns na h-Ealain Gàidhlig

deasaich
  • Màrtainn MacIlleMhaoil à Breacais, Òran na Corra-ghrithich no A' Chorra-ghritheach a Mharbh Calum
  • Cha do Mharbh thu a' Chorra-ghritheach
  • Aonghas Iain Caimbeul, Òran na Corra-grithich no 'S Mar a Thachair Dhuinn, Nach Annasach

Bàrdachd

deasaich

Sgeulachdan

deasaich
  • Lauchie MacLellan, 'An Sionnach 's a' Chorra-ghritheach', ann an Brìgh an Òrain(2001) deas. le John Shaw (McGill-Queen's Press), d.302-305.

Beul-aithris

deasaich
Seann-fhaclan
deasaich
  • Cha suaicheantas corra air cladach
- sealladh no suidheachadh nàdarra, chan eil e coltach gun tachair càil às an àbhaist. [2]

Sgrìobhaidhean mu a deidhinn

deasaich
  • Breeze Jones, E.V. (1987) Eoin Uisge. A' Ghàidhlig le Frang U. Rennie (Steòrnabhagh: Acair), d.4 IBSN: 086152 024 6

Ceanglaichean a-mach

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. 1.0 1.1 1.2 Breeze Jones, E.V. (1987) Eoin Uisge (Steòrnabhagh: Acair), d.4
  2. Faclair Dwelly fon fhacal 'Corra'

Dealbhan

deasaich
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: