Comann Eadar-Nàiseanta airson Sgrùdadh Litreachas na h-Alba

'S e iomairt acadaimigeach a th' ann an CENSLA | Comann Eadar-Nàiseanta airson Sgrùdadh Litreachas na h-Alba (Beurla: International Association for the Study of Scottish Literatures, IASSL; Albais: Warldwide Associat for the Clerk Leir o braid Scotland’s Leid and Scrievin). Chaidh CENSLA stèidheachadh aig a' chiad Còmhdhail na Cruinne airson Litreachas na h-Alba ann an Glaschu air 5 den Ògmhios 2014.[1] Tha CENSLA air a chlàradh mar charthannas Albannach, SC044410, airson adhbharan adhartachadh foghlaim, nan ealan, dualchais agus cultair.

Còmhdhailean na Cruinne airson Litreachas na h-Alba

deasaich

Duais Ronald Jack

deasaich

Chaidh Duais Ronald Jack stèidheachadh ann an 2018, airson aiste no caibideil as fheàrr a tha a' dèiligeadh ri litreachas na h-Alba (Beurla, Albais, Gàidhlig, Laideann) agus eilthireachd, no buaidh eadar-nàiseanta litreachas na h-Alba.[3] B' e àrd-ollamh agus sgoilear cliùiteach a bha ann an Ronald Dyce Sadler Jack (1941-2016), 's e ag obair air litreachas na h-Alba agus litreachas anns na meadhan aoisean aig Oilthigh Dhùn Èideann.[4]

Luchd-fhaighinn Duais Jack[3]

  • 2018: Nikki Hessell, Stephen Clothier
  • 2019: Céline Sabiron
  • 2020: Anna Fancett
  • 2021: Bryony Coombs
  • 2022: Nigel Leask, Peadar Ó Muircheartaigh

Cathraichean a' Chomainn

deasaich
  • an t-Àrd-Ollamh Murray Pittock, Oilthigh Ghlaschu (2014-2017)[5]
  • an t-Àrd-Ollamh Caroline McCracken-Flesher, Oilthigh Wyoming (2017-2020)
  • an t-Àrd-Ollamh Carla Sassi, Oilthigh Verona (2020-2023)[6]

Iomraidhean

deasaich
  1. "Fàilte," IASSL”.
  2. 2.0 2.1 2.2 "Past Events," IASSL”.
  3. 3.0 3.1 "The Jack Medal," IASSL”.
  4. Ronnie Jack, University of Edinburgh”.
  5. "Scottish Literature Has Global Audience," The Scotsman”.
  6. Executive Committee”.

Ceanglaichean a-muigh

deasaich