Cleachdaiche:Susan.nls/Poileasaidh Cànain Uicipeid
Poileasaidh Cànain Uicipeid
deasaich'S e dreachd a th' anns a' phoileasaidh seo.
- ’S e bun-stèidh a’ phoileasaidh seo gun cleachdar Gàidhlig cumanta an latha an-diugh air Uicipeid.
- Chan e deagh àite a th’ ann ann Uicipeid gus Gàidhlig a dhèanamh ‘nas fheàrr’ no airson cànan ùr a dhèanamh an àirde.
- Far a bheil diofar chleachdaidhean aithnichte anns a’ chànan, cha dèan Uicipeid co-dhùnadh air na tha ‘ceart’ no ‘ceàrr’. Faodar iomraidhean agus ceanglaichean a chur ann gu faclairean msaa far a bheil e iomchaidh.
1. Litreachadh
deasaich- Chan eil e na phoileasaidh teann aig Uicipeid a bhith leantainn Gaelic Orthographic Conventions (GOC) mar riaghalt dhan h-uile duine cho fada 's gu bheilear a' cleachdach liteachadh a tha aithnichte agus cunbhalach.
- Faodaidh cleachdaichean litreachadh eile a chleachdadh ma tha iad aithnichte/cumanta ann an sgrìobhaidhean ar linn (20mh no 21mh linn): mar eisimpleir, às dèidh / as deoghaidh.
2. Briathrachas
deasaichChan e deagh àite a th’ ann ann Uicipeid gus Gàidhlig a dhèanamh ‘nas fheàrr’ no airson cànan ùr a dhèanamh an àirde. Dh’ fhaodadh e bhith, ged-tà, na làrach airson briathrachas ùr a sgaoileadh agus daigneachadh. Ma tha deasbad ann dè an cruth as fheàrr ri chleachdadh (gu h-àraid airson tiotal na duilleig), feuch an cleachd sibh an duilleag deasbaireachd gus tighinn gu aonta air an fhacal as fheàrr.
Briathrachas ùra
deasaichGu tric air Uicipeid bidh feum ann airson faclan nach cleachdar gu tric no gu laitheil. Ma bhios sibh a' cleachdadh fhaclan a tha a-mach às an abhaist,'s e an rud as fheàrr gun cuirear iomradh (reference) ann a bhios a' sealltainn dhan leughadair cò às an tàinig am facal. Mar sin, cuiridh leughadairean barrachd earbsa ann.
Mar eisimpleir, chithear air duilleagan leithid Suòmaidh gu bheil dà ainm ann airson ‘Finland’. Chì an leughadair gu bheil iomraidhean ann airson an dà ainm agus faodaidh an leughadair an taghadh fhèin a dhèanamh dè am fear as fheàrr leotha.
Goireasan air loidhne
Eisimpleirean de thùsan briathrachais earbsach air loidhne
- An Seotal- gu sònraichte air cuspairean a tha gan teagasg tro mheadhan na Gàidhlig san àrd-sgoil
- Faclan Nàdair bho Dualchas Nàdair na h-Alba
- Faclair air àrainneachd eachdraidheil bho Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba
- Ainmean-Àite na h-Alba
3. Caochladh anns a' Chànain
deasaichAnn an Gàidhlig an latha an-diugh, tha caochladh ann a rèir dualchainnt, diofar seòrsa bhriathrachas agus diofar stoidhlean.
Tha cead aig gach neach a bhith a sgrìobhadh mar as fheàrr leotha a rèir dualchainnt, briathrachais, agus stoidhle cho fad ‘s tha
- stoidhle foirmeil iomchaidh do leabhar-eòlais ann
- e gun mhearachdan a rachadh a cheartachadh ann am foghlam (me ann an aiste aig colaiste/oilthigh)
Na atharraich stoidhle a th’ aig daoine eile dìreach air sgàth ’s nach eil e a’ còrdadh riut fhèin. Mar phàirt den spèis agus modh a tha cudromach airson co-obrachadh, feumar spèis a thoirt do stoidhlean eadar-dhealaichte.
4. Gràmar
deasaichTha a’ mhòr-chuid de ghràmar na Gàidhlig stèidhichte, aithnichte. An dràsta is a-rithist, nochdaidh ceistean air mar a tha an cànan ag atharrachadh. Ma tha deasbad ann mas e cleachdach aithnichte no ‘ceart’, cuirear luach air tùsan earbsach mar tùsan sam bith eile air Uicipeid.