Dualchas Nàdair na h-Alba
ʼS e buidheann Riaghaltais a tha ann an Dualchas Nàdair na h-Alba (Beurla: Scottish Natural Heritage). ʼS e dìleab nàdarra na dùthcha an cùram a thʼ aige. Tha e aʼ toirt comhairle do Riaghaltas na h-Alba, agus ag obair mar ghnìomhaiche an Riaghaltais ann a bhith aʼ cur air dòigh pàircean nàiseanta agus sgìrean gléidhteachais.
Tha oifisean aige ann an iomadh cheàrnaidh de tìr-mór na h-Albann agus cuideachd a-muigh sna h-eileannan. Ann an 2003/2004 chaidh aʼ phrìomh-oifis aca a ghluasad bho Dhùn Éideann gu Inbhir Nis.
Tha làrach-lìn Ghàidhlig aig Dualchas Nàdair na h-Alba le torr fiosrachaidh innte, agus tha iad a’ foillseachadh torr leabharannan agus postairean sa Ghàidhlig.
Ceanglaichean a-machDeasaich
- Dualchas Nàdair na h-Alba - duilleag oifigeil sa Ghàidhlig
- Dualchas Nàdair na h-Alba agus a’ Ghàidhlig - polasaidh