Rinn mi mo chiad cheum (B.A. ann an litreachas) aig Oilthigh Yale sna Stàitean Aonaichte, agus an uair sin fhuair mi teisteanas foghlam àrd-ìre bho Shabhal Mòr Ostaig ann an Gàidhlig is conaltradh agus maighstireachd bho Oilthigh Thoronto ann an litreachas coimeasach. Tha mi a-nis a’ leantainn air adhart leis an fhoghlam fhor-cheum agam, fhathast ann an Ionad an Litreachais Choimeasaich aig Oilthigh Thoronto.

Tha ùidh mhòr agam ann an litreachas na Gàidhlig san latha an-diugh (rosg agus dràma gu h-àraid, ach cuideachd nua-bhàrdachd an 21mh linn), litreachas Gàidhlig na h-Albann Nuaidhe, ann an litreachas Spàinntis an 20mh linn, ann an saidheans-ficsean agus fantasachd, ann an ficsean- agus coimhearsnachdan-spèise air an eadar-lìon, ann an litreachas do dh’òigridh ghèidh, ann an litreachasan agus teòiridhean tùsanach, agus ann an cor ont-eòlach an fhicsein.