Ceitidh Anna NicNeacail
'S e seinneadair a bh' ann an Ceitidh Anna NicNeacail (29 an t-Ògmhios 1906–22 an Dùbhlachd 1995). ’S ann à Ceann a' Ghàrraidh ann am Peighinn a' Chorrain, anns an Eilean Sgitheanach, a bha Ceitidh Anna. Às dèidh sgoil ann am Port Rìgh, bha i a’ dèanamh trèanadh mar thidsear ann an Uibhist a Deas, agus thachair i ri Mairead Fay Sheathach. Fhuair i obair ann am Bun-sgoil Phort Rìgh, agus bha i a’ seinn leatha fhèin agus anns a’ chòisir. Chuir i seachad pàirt dhe a beatha anns an Eaglais Bhric, agus an uair sin ann an Glaschu agus anns am Baile Bhòid. Thill i a Phort Rìgh, agus chaochail i an siud anns an Dùbhlachd 1995.
Ceitidh Anna NicNeacail | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Peighinn a' Chorrain, 29 dhen Ògmhios 1906 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | Port Rìgh, 22 dhen Dùbhlachd 1995 |
Foghlam | |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | seinneadair agus neach-teagaisg |
Inneal-ciùil | guth |