Tha carbad-adhair neo soitheach-adhair na inneal a thèid air iteig.

Carbad-adhair
mode of transport
Fo-sheòrsa deflying machine, vehicle Deasaich
Feartaircraft model, aircraft type Deasaich
Related categoryCategory:Individual aircraft Deasaich
Category for the view from the itemCategory:Views from aircraft Deasaich
Pleana

Chruthaich na bràithrean Montgolfier na chiad bailiùnaichean anns an robh daoine a' siubhal tron adhair ann an 1783. Ghiùlain a' chiad bailiùn caora, tunnag agus coileach ach bha a' chiad bailiùn le paidhleatan anns an Sultain 1783 agus e a' dol 5 mìltean ann an 25 mionaidean.[1] B' e Jean-Pierre Blanchard agus John Jeffries na chiad daoine a chaidh thar Caolas Shasainn ann an 1785.[2]

Bha a' chiad iteal le cumhachd ann an Alba ann an 1909 nuair a chaidh na bràithrean Harold agus Frank Barnwell à Sruighlea aig àirde de 4 m airson 80 m. Seo sia bliadhnaichean ann dèidh do bhràithrean Wright ann an Ameireaga.[3]

Tha plèanaichean le motaran dealanach air a bhith ag iteal eadar eileanan ann an Arcaibh, mar eisimpleir Westray agus Papa Westray[4] ach tha beachd air àrd-oifigear Loganair a tha a' solar na seirbheisean adhair ann an Arcaibh, gum bi haidridean nas prataigiche airson Arcaibh air sgàth 's gum feumaidh comas a dol a dh'Obar Dheathain a bhith aig a h-uile plèan.[5]

Cheannaich Loganair ochd turboprops bho chompanaidh ATR ann an 2022 an àite na Saab 340an a bha ann an seirbheis airson a' companaidh airson 23 bliadhna.[6]

Iomraidhean

deasaich
  1. Joseph-Michel and Jacques-Étienne Montgolfier”. MIT. Air a thogail 8mh dhen Chèitean 2023.
  2. Rowlands, Huw (17mh dhen Fhaoilleach 2019): “Blanchard! Where are your trousers? The first crossing of the English Channel in a balloon”. Untold Lives. Leabharlann Bhreatannach. Air a thogail 8mh dhen Chèitean 2023.
  3. Honour for Scotland's answer to the Wright Brothers”. 20mh dhen Ghiblean 2005. Air a thogail 8mh dhen Chèitean 2023. 
  4. Scotland's first electric-powered aircraft begins Orkney test flights”. 12mh dhen Lùnasdal 2021. Air a thogail 8mh dhen Chèitean 2023. 
  5. Moores, Victoria: “Loganair Skeptical Of Electric Aircraft Potential”, Aviation Weekly. 1d dhen Mhàrt 2023. Air a thogail 8mh dhen Chèitean 2023. 
  6. Loganair a' ceannach ochd plèanaichean ùra”, Naidheachdan a' BhBC. 22mh dhen t-Sultain 2022. Air a thogail 8mh dhen Chèitean 2023.