Camas Sgeanail
'S e baile ann an Comhairle Shruighlea a tha ann an Camas Choinnich neo Camas Sgeanail (Beurla: Cambuskenneth). [1] A rèir cunntas air Uilleam Uallas san Fhèillire agus ann am faclair MhicPhàrlain, 's e Camus-Choinnich, no Camas Choinnich ann an litreachadh an latha an-diugh an t-ainm air an àite. A-rèir Iain Mhic an Tailleir cha robh ainm Gàidhlig air a’ bhaile ach anns na seann làithean b’ e Cambuskennel an t-ainm a bha air. [2] Tha am baile suidhichte faisg air Sruighlea air bruach Uisge For. 'S e seo na co-chomharran aige: 56° 7′ 24″ Tuath agus 3° 55′ 7″ Iar. Tha timcheall air 250 a' fuireach an seo. Tha seann abaid ann ris an canar ?Cambuskenneth Abbey sa Bheurla?. Bha Raibeart Brus a' dèanamh ùrnaigh an seo. Anns a' bhliadhna 1326 chleachd e an abaid cuideachd airson co-neartachaidh gum bi am mac aige, Dàibhidh, ga leantainn. Anns a’ bhliadhna 1488 chaidh Seumas III Alba a thiodhlacadh an seo. An-diugh tha an abaid fo stiùir Alba Aosmhor (Historic Scotland). Tha an abaid fosgailte do luchd-turais as t-samhradh.
Iomraidhean
deasaich- ↑ [1], "Am Fèillire", duilleag 10, Sir Uilleam Uallas
- ↑ Iain Mac an Tailleir, "Ainmean-Àite", duilleag 26, Pàrlamaid na h-Alba
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NS 807 939