Calum MacLeòid (Ratharsair)
B' e croitear, sgrìobhadair agus neach-eachdraidh ionadail a bh' ann an Calum MacLeòid (15 An t-Samhain 1911 - 26 Am Faoilleach 1988). Tha e gu h-àraid ainmeil air sgàth an rathad a rinn e ann an ceann a tuath Ratharsair.
Calum MacLeòid (Ratharsair) | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Glaschu, 15 dhen t-Samhain 1911 |
Dùthaich | Alba |
Àite-fuirich | Àrnais |
Bàs | 26 dhen Fhaoilleach 1988 |
Foghlam | |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
A bheatha
deasaich'S ann à Àrnais, Ratharsair, a bha athair, Dòmhnall MacLeòid, agus 's ann à Fladaigh a bha a mhàthair, Sìleas NicGilliosa. Rugadh Calum fhèin ann an Glaschu, ach thill e, còmhla ri a mhàthair, a Ratharsair nuair a thòisich a' Chiad Chogadh. Bha dithis bhràthair, Raghnall agus Teàrlach, agus triùir pheathraichean, Bella Doilidh, Ceit agus Bella, aige. Fhuair e foghlam ann an bun-sgoil anns An Torran. Ann an 1925, fhuair e bonn airson aiste Ghàidhlig (bonn Dhonnchaidh MhicLeòid, New York, Na Stàitean Aonaichte).[1] Phòs e Alexandrina (Lexie) NicDhòmhnaill (1911-2001) ann an 1944. Bha Alexandrina ag obair mar bhana-mhaigstir ann an sgoil An Torrain.[2] Bha Calum na iasgair, na chroitear, na phosta agus bha e ag obair aig taigh-solais ann an Rònaigh cuideachd. Bha ùidh aig Calum ann an geòlas, luibh-eòlas, sloinntearachd agus eachdraidh.[3]
An rathad
deasaichRinn Calum agus a bhràthair, Teàrlach, an slighe bho An Torran gu Fladaigh eadar 1949 agus 1952. Eadar 1964 agus 1974, rinn Calum fhèin an rathad (aon mìle agus trì cairteal) bho Caisteal Bhròchaill gu Àirnis. Ann an 1983, fhuair e B.E.M.
Cuimhneachadh
deasaichChaidh am port leis an ainm "Calum's Road" a dhèanamh agus a chlàradh le Capercaillie. Nochd am port air an CD The Blood is Strong. Sgrìobh Roger Hutchinson leabhar leis an aon ainm, Calum's Road. Rinn David Harrower dealbh-chluich stèidhte air an leabhar[4] agus rinn National Theatre of Scotland turas de dh’Albainn leis ann an 2013.
Faisg air Caisteal Bhròchail, tha càrn-cuimhne ann a chaidh dhèanamh le Dòmhnall Iain Greumach à Port Rìgh. Tha fiosrachadh air mu dheidhinn gnìomhan Chaluim sa Ghàidhlig agus sa Bheurla.
Sgrìobhadh sa Ghàidhlig
deasaichSgrìobh Calum iomadach artaigil sa Ghàidhlig. Chaidh feadhainn dhiubh fhoillseachadh anns an iris Gairm. Dheasaich nighean Chaluim, Julia MacLeod Allan, na h-artaigilean agus nochd iad ann an clò mar leabhar: Fàsachadh An-Iochdmhor Ratharsair: The Cruel Clearance of Raasay (Clò Àrnais, 2007).
Iomraidhean
deasaich- ↑ Fàsachadh An-Iochdmhor Ratharsair: The Cruel Clearance of Raasay (Clò Àrnais, 2007) iv.
- ↑ Fàsachadh An-Iochdmhor Ratharsair: The Cruel Clearance of Raasay (Clò Àrnais, 2007) vi.
- ↑ Fàsachadh An-Iochdmhor Ratharsair: The Cruel Clearance of Raasay (Clò Àrnais, 2007) viii.
- ↑ https://web.archive.org/web/20150923121704/http://www.nationaltheatrescotland.com/content/default.asp?page=home_CalumsRoad
Leabhar-chlàr
deasaich- Fàsachadh An-Iochdmhor Ratharsair: The Cruel Clearance of Raasay. Clò Àrnais, 2007.
Ceanglaichean a-muigh
deasaich- 'Calum's Road' le Capercaillie - bhidio (youtube) agus dealbhan
- Calum's Roadle Roger Hutchinson - Raasay Books
- Calum's road - Undiscovered Scotland
- Wall of China (faclan agus bhideo) le Runrig - Ridge Records