ʼS tobhta de chaisteal a tha ann an Caisteal aʼ Chnuic, anns an Teangaidh air taobh an ear Shléite anns an Eilean Sgitheanach. Theirear ris cuideachd Caisteal aʼ Chamais, agus an Caisteal Uaine - an t-ainm as bitheanta aig muinntir aʼ bhaile fhéin).

Caisteal aʼ Chnuic

Thogadh an caisteal, timcheall air 1280-1300 tha e coltach, air làraich far an robh dùn, Dùn Horabhaig, roimhe. Bha e aig Clan Mhic Leòid, . Fhuair Clan Mhic Dhòmhnaill seilbh air anmoch san 15mh Linn, agus chaidh seilbh aʼ chaisteil a-nunn ʼs a-nall eadarra grunn tursan. Chaidh a ùrachadh ann an 1596 le Clan Mhic Dhòmhnaill. Chaidh a thréigsinn ro 1689 agus thòisich e aʼ crìonadh. An uair sin chaidh aʼ mhórchuid de na clachan a chleachdadh anns na toglaichean àiteachais a tha faisg air.

Aistean co-cheangailte

deasaich