Caisteal Eilean Donnain
(Air ath-sheòladh o Caisteal Eilean Donan)
Tha Caisteal Eilean Donnain na chaisteal air taobh an iar na Gàidhealtachd.
'S e th' ann ach seann chaisteal a thogadh tràth sna meadhan-aoisean, air a shuidheachadh air eilean beag far a bheil tri lochan-mara - Loch Aillse, Loch Long agus Loch Dhuthaich - a' coinneachadh.
Airson iomadach bliadhna chaidh a ghleidheadh le Clann MhicRath às leth MhicCoinnich Shiophort. As t-earrach 1719 rinneadh gearasdan dhen chaisteal le na Spàinntich a bha a' toirt taic do ar-a-mach nan Seumasach, mus deach Blàr Ghleann Sheile a chur. Chaidh ionnsaigh a thoirt air a' chaisteal le Cabhlach Rioghail Bhreatainn, agus dh'fhàgadh na thobhta lom e.
'S e caisteal ùr a th’ ann a-nis a chaidh a ath-thogail uile gu lèir eadar 1919 agus 1932.
Iomraidhean
deasaich- Faclair Alba Aosmhor - Ainm Gàidhlig: Caisteal Eilean Donnain
Ceanglaichean a-mach
deasaich- 'Mar a bhàsaich Dòmhnall Gorm Shlèite' Sgeulachd air Tobar an Dualchais. Gun Urra. 1955.