Cairteil Medellín
(Air ath-sheòladh o Cairteil a' Mhedellín)
'S e a' bhuidheann eucoireach a bu mhotha rè na 70an agus na 80an a bh' ann an Cairteil Medellín. Chaidh a' chairteil a stèidheachadh ann am Medellín oir 's e a' bhaile a b' adhartaiche na dùthcha a bh' ann, le deagh cheanglaichean adhair dha na Stàitean Aonaichte (prìomh mhargaidh na drogaichean) agus gu Pearù, far a dh'fhàsadh a' mhòr-chuid dhen Coca. Bha am baile ainmeil airson gnìomhachas agus foghlam aig àrd ìre. A bharrachd air sin, bha am baile air a lìonadh le daoine bochd, fògarraich a' chogaidh air an dùthaich. 'S e Pablo Escobar ceannard a' bhuidhne fad iomadh bliadhna. Chaidh e a mharbhadh leis a' phoileis agus na feachdan armachd ann an 1993.