Cùil Lodair

Clach-chuimhe air Cath-làrach Chùil Lodair
Suidheachadh
Cùil Lodair is located in Alba
Cùil Lodair
Cùil Lodair (Alba)
Dùthaich Alba
Comhairle Comhairle na Gàidhealtachd
Siorrachd Inbhir Nis
Co-chomharran 57° 29′ 22.99″ Tuath
4° 8′ 7.15″ Iar
Comharradh-clèithe NH7201746374
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 4,064 (2001)
Còd-puist IV2 5
Duilleag oifigeil http://www.nts.org.uk/Visit/Cuil-Lodair (Gàidhlig)

'S e baile air a' Ghàidhealtachd a tha ann an Cùil Lodair (Beurla: Culloden).[1] Tha am baile suidhichte mu 3 mìltean air àird an ear Inbhir Nis.

Tha e coltach gur e Cùil Lodair a bhʼ air an àite an toiseach, bhon fhacal Ghàidhlig “lodan”, ainm a chaidh a ghléidheadh sa Bheurla “Culloden”, ach ron àm a thachair am blàr ainmeil an sin san 18mh Linn bha an t-ainm air atharrachadh sa Ghàidhlig gu Cùil Lodair.[2]

Anns a' bhliadhna 2001 bha 4,064 duine a' fuireach an seo.[3] Tha Sgìre Chùil Lodair a' gabhail a-steach trì coimhearsnachdan eile: Balloch, Smithton agus Westhill.

Bho thùs bha taighean fearann (estate houses) ann a chaidh a thogail timcheall air Culloden House a tha na thaigh-òsta a-nis. Cleachdar na seann stàballan mar taighean air mhàl an-diugh airson daoine a tha air saor-làithean. Cleachdar an seann sabhal ris an canar tithe barn mar eaglais an-diugh. Tha an eaglais aig Eaglais na h-Alba.

Tha Dhruim Athaisidh (Beurla: Drummossie Moor) mu thrì mìltean air àird a deas Chùil Lodair. 'S e sin an t-àite far an do thachair Blàr Chùil Lodair. Tha cath-làrach Chùil Lodair fo chùram Urras Nàiseanta na h-Alba agus tha an ionad-fiosrachaidh a’ tarraing mòran luchd-turais gach bliadhna. Chaidh ionad eadar-oibreachadh ùr a dh’fhosgladh 16 an Giblean 2008.

Timcheall air a’ chath-làrach tha tobraichean ann. Tha an "clootie well" anns na coilltean Chùil Lodair agus tè eile faisg air Munlochy. Mu mhìle deas air a' chath-làrach tha Càrn Chlabhalag (Cairns of Clava) ann.

Iomraidhean

deasaich
  1. Iain Mac an Tailleir, "Ainmean-Àite", duilleag 35, Pàrlamaid na h-Alba
  2. Ruairidh MacIlleathain: Litir do Luchd-ionnsachaidh 128
  3. Scotland's Census Result OnLine[dead link]

Ceanglaichean a-mach

deasaich