'S e féis agus sgoil fìdhleireachd a tha ann an Blazin' in Beauly, a tha a' gabhail àite sa Mhanachainn gach bliadhna bhon a stéidhich an còmhlan ciùil Blazin' Fiddles i ann an 2001. Tha seachdain ann de chlasaichean fìdhleireachd aig cóig no sia diofar ìrean, cuirmean ciùil, agus seiseanan ciùil anns a' Chalaidh agus anns a' Lovat. Tha i a' gabhail àite ann am meadhan na Dàmhair gach bliadhna, mar as trice nuair a bhios saor-làithean aig na sgoiltean ann an Albainn agus nuair a bhios am Mòd Nàiseanta a' gabhail àite cuideachd.

Ceangal a-muigh deasaich

Blazin' in Beauly (làrach oifigeil)