Blaumut
'S e còmhlan ciùil à Catalòinia a th' ann am Blaumut is iad a' measgachadh folk còmhla ri pop, ceòl clasaigeach agus an cuid òrain fhèin. Thugadh an t-ainm Blaumut bho òran air a bheil «Islàndia» (Gàidhlig: Innis Tìle), bhon a' chiad chlàr aca, El turista (Gàidhlig: an neach-turais).[1] Is iad Oriol Aymat (beus-fhìdheall), Xavi de la Iglesia (giotàr agus guth), Vassil Lambrinov (fidheall) agus Manel Pedrós (drumaichean). Sgrìobhaidh iad briathran làn ìomhaighean àlainn, rianan binnmhor nan teud clasaigeach agus cleachdaidh iad fuaimean caochladh stuth airson gleus an cuid òrain a chruthachadh.[2]
Eachraidh
deasaichThoisich Vassil Lambrinov agus Xavi de la Iglesia ceòl a chlàradh san taigh ann an 2003, is an dithis aca a' feuchainn fuaimean is fuinn dhe h-uile seòrsa ri dhèanamh. Bho 2009 thoisich an còmhlan ri cùraim-ciùil beaga a thoirt ann am Barcelona. Thug iad am ainmean gu cùmhnant leis a' chompanaidh Picap ann an 2011, agus ann an Sultain san ath bhliadhna dh'fhoillsich iad a' chiad chlàr aca, air an robh El turista. Bho fhoillseachadh a’ chiad chlàir aca gu ruige seo, tha an còmhlan air a bhith a’ fàs nas cliùitiche uidh air n-uidh air sàilleabh a’ chiad òrain ainmeil aca «Pa amb oli i sal» (Gàidhlig: Aran còmhla ri ola is salainn) a chluinnear ri linn an leth-ùine sna gheamaichean ball-coise FC Barcelona san Camp Nou is iad a' cluiche daonnan air an rèidio ann an Catalòinia. A-rèir Enderrock, 's e eisimpleir dhen dòigh ùr ri còmhlan ciùil a thoirt air bhog a th' ann El turista: "sìtheil is dòchasach". Anns an t-Sultain 2013 bhuannaich iad an Duais Cerverí leis an dreach a rinn iad dhen dàn "I beg your pardon", a sgrìobh Salvador Espriu i Castelló.[3]
Clàran
deasaich- El turista (2012)
- «Bicicletes»
- «Only You (i el teu xampú)»
- «El llimoner»
- «Les 7 i quart»
- «Islàndia»
- «100 ºC»
- «El turista»
- «Massa tard»
- «Esquimals»
- «Pa amb oli i sal»
- «Paisatge núm. 8»
- «Octubre»