'S e seòrsa bile a tha a' toirt buaidh air com-pàirtean prìobhaideach a tha ann am bile phrìobhaideach.

Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba. B' e bile an do thug cumhachdan do urrasairean Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba am Pròiseact Playfair a crìochnachadh a bha sa' chiad bhile phrìobhaideach Pàrlamaid na h-Alba.[1]

Pàrlamaid na h-Alba deasaich

Ro Achd Còmhdhail agus Obraichean (Alba) 2007, cheadaich Riaghaltas na h-Alba pròiseactan bun-structair le achdan prìobhaideach, mar eisimpleir na slighean-trama ann an Dùn Èideann.[1]

Tha trì ìrean anns an sgrùdadh bile phrìobhaideach ann am Pàrlamaid na h-Alba:

  • Ìre ro làimh, far a bheil comataidh de triùir, ceathrar no còignear bhall a' beachdachadh am bu chòir iad a' bhile a dheasbad.
  • Ìre beachdachaidh, far a bheil an comataidh a' dèanamh sgrùdadh air a' bhile.
  • Ìre dheireannach, far a bheil am Pàrlamaid air fad ag aontachadh (no a' diùltadh) a' bhile.

Eisimpleirean deasaich

  • Achd Coimisean Drèanaidh Pholl Aifrinn 2019: Chuir na coimiseanairean drèanaidh fhèin a' bhile seo air adhart airson rianachd a' choimisein ùrachadh.[2]

Iomraidhean deasaich

  1. 1.0 1.1 Private Bills”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 30mh dhen Dùbhlachd 2019.
  2. Sim, Philip: “Dull as ditchwater? Inside Holyrood's forgotten committee”, BBC News. 24mh dhen Dàmhair 2018. Air a thogail 30mh dhen Dùbhlachd 2019.