Biadh-maidne
`S e biadh a thathas a` gabhail tràth air an latha, anns a` mhadainn a th` ann am biadh-maidne/biadh-na-maide neo ciadlomadh ("bracaist"). Gu tradiseanta, bhathas a` gabhail biadh trom mar fheòil, buntàta agus brochan ann an Eòrpa a Tuath, agus biadh aotrom mar croissants is measan ann an Eòrpa a Deas; ach san latha an-diugh, thathas a` gabhail diofar seorsa bìdh a-rèir toil nan daoine fhèin.
Thathas a` cantainn “bracaist” ri biadh na maidne, `s nochdaidh am facal sin ann an riochdan eile mar “breacaist”. Mar an ceudna, gheibhear tràth madainn cuideachd ged nach eil am briathar sin cho cumanta.