'S e eilean san àird an iar an Eilein Sgitheanaich a tha ann am Bhuia neo Fuidheigh (Beurla: Wiay). Tha e suidhichte ann an Loch Bràcadal agus tha e na phàirt de na h-Eileanan a-staigh. Tha e mu 1.4 cilemeatair air falbh bhon Eilean Sgitheanach far a bheil am baile Ullinish. Tha Orasaigh san àird an ear dheth. Tha e cho farsaing ri 149 heactair agus mar sin 's e Bhuia an t-eilean as motha ann an Loch Bràcadal. Tha e cho farsaing ri 60 heactair, agus tha an t-àite as àirde cho àrd ri 61 meatair. Tha dà uamh ann, aon dhiubh san àirde a deas agus am fear eile san àird an ear-thuath. 'S e seo na co-chomharran aige: 57° 20′ 18″ Tuath 6° 30′ 0″ Iar.

Na stacanan corrach ann am Bhuia

Tha Bhuia ainmeil airson nan stacannan corrach aige. S’ ann ann an Camas na Cille a-mhàin far as urrainnear a dhol gu tìr. Tha trì taighean briste faisg air a’ cladach, bha aon dhiubh na taigh dubh. Bha daoine a’ fuireach air an eilean gu meadhan na 19mh linn, ach chan eil an-diugh.

Thàinig ainm an eilein bhon fhacal Seann Lochlannais agus tha e a’ ciallachadh "Eilean Taighe". [1]

Iomraidhean

deasaich
  1. Iain Mac an Tailleir, "Placenames", duilleag 118, Pàrlamaid na h-Alba

Ceanglaichean a-mach

deasaich