Bhaltair Cinneide
Bha Bhaltair Cinneide (Walter Kennedy) (ca. 1455 – c.1508) ’na bhàrd. Rinn e bàrdachd san Beurla Ghallda, ach tha e cha mhór cinnte gun do rinn e bàrdachd Ghàidhlig cuideachd.
Bhaltair Cinneide | |
---|---|
Beatha | |
Breith | 1455 |
Dùthaich | Rìoghachd na h-Alba |
Bàs | 1518 |
Foghlam | |
Foghlam | Oilthigh Ghlaschu 1476) |
Cànain |
Middle Scots (en) Meadhan-Bheurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | bàrd agus sgrìobhadair |
Obraichean comharraichte | The Passioun of Crist (en) |
Gnè ealain | bàrdachd |
Bhuin e do na Ceannadaich, teaghlach uachdaranach ann an Dùn Iubhair, Siorrachd Àir, a bha ’na phàirt den Ghàidhealtachd làidir Gall-Ghàidhealach aig an àm. Tha e cha mhór cinnte gur i a’ Ghàidhlig a chànan dùthchais. Fhuair e ceum bho Oilthigh Ghlaschu ann an 1476, agus an uair sin MA ann an 1478.
Sgrìobh e The Flyting of Dumbar and Kennedie còmhla ri William Dunbar.
Buaidh
deasaichAnns an 20mh Linn, chuir am bàrd Uilleam Nèill ùidh anns na freumhan aig Bhaltair Cinneide ann an ceann a deas Siorrachd Air agus anns a’ bhuaidh gur dòcha a bh’ aige mar neach labhairt na Gàidhlig ann an cùirt rìgh Albann, agus rinn e a mholadh anns na h-obraichean aige fhéin. Aon eisimpleir de sin, ’s e an dàn Chuma Bhaltair Cinneide [1] a tha a’ tòiseachadh:
“ |
Chunnaic mi Bhaltair Cinneide |
” |
Iomraidhean
deasaich- ↑ William Neill: Selected Poems 1969-1992, Canongate, pp.80-81