Bhàtair Scott MacPhàrlain
B'e bàrd agus saighdear a bha ann an Bhàtair Scott MacPhàrlain (1896–1979) (Beurla: Walter Scott MacFarlane).
Bhàtair Scott MacPhàrlain | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Margaree Valley (en) , 1896 |
Dùthaich | Canada |
Bàs | 1979 |
Foghlam | |
Cànain |
Gàidhlig Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgrìobhadair, saighdear agus bàrd |
Gnè ealain | bàrdachd |
Seirbheis san arm | |
Strì | Battle of Vimy Ridge (en) |
Rugadh e ann an Margaree Valley ann an eilean Ceap Breatainn, Alba Nuadh, Canada, agus dh'fhuirich e ann an Siorrachd Inbhir Nis, Alba Nuadh, a' chuid dheireannach d' a bheatha. Rinn e òrain agus bàrdachd, ann dà chuid ann an Gàidhlig agus ann am Beurla, ged a chaidh a' mhórchuid den obair Ghàidhlig aige a chall. Bha e 'na shaighdear anns a' Chiad Chogadh agus cuideachd anns an Dàrna Cogadh, a' gabhail pàirt sa bhlàr Vimy Ridge, agus tha seo, agus a creideamh làidir, ri fhaighinn anns a chuid bàrdachd.
Chaidh cruinneachadh den shaothair aige, Songs of the Valley fhoillseachadh ann an 1979.[1][2]
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Walter Scott MacFarlane's Song's of the Valley (Book, 1984)”. WorldCat. Air a thogail 29mh dhen Mhàrt 2018.
- ↑ “Songs of the Valley: Walter Scott, (Kay MacDonald and Pat MacFarlane ed) MacFarlane Brian Gabriel”. Amazon. Air a thogail 29mh dhen Mhàrt 2018.