Beyoncé
'S e neach-ciùil, seinneadair is sgrìobhadair-òrain à Houston, Texas, Na Stàitean Aonaichte a th' ann an Beyoncé Giselle Knowles-Carter neo Beyoncé (rugadh 4 an t-Sultain, 1981).
Fhuair i soirbheachas leis a’ bhuidheann ciùil Destiny’s Child. Tha i ainmeil airson a sgilean sgrìobhaidh òrain agus tha i air spèis a chosnadh airson a tàlant ioma-thaobhach. Phòs i seinneadair eile, Jay-Z, ann an 2008. Tha nighean aca (Blue Ivy) agus càraid (Rumi agus Sir).[1]