Bernhard Riemann
B' e matamataigear às a' Ghearmailt a bha ann an Georg Friedrich Bernhard Riemann. Tha e ainmeil airson a fhoincsean zeta is a bheachd-barail mu prìomh-àireamhan.
Rugadh is thogadh e ann am Breselenz ann an 1826 is bha e na oileanach aig Oilthigh Ghöttingen. Dh'imrich e do Bherlin is dh'fhoillsich e fo Lejeune Dirichlet. Thill e do Ghöttingen is sgrìobh e a theusais fo Carl Friedrich Gauss. Chaidh e na ollamh ann an 1854 is lean e Dirichlet mar chathraiche ann an 1859, nuair a dh'fhoillsich e aiste mun fhoincsean zeta. Dh'fhàs e tinn ann 1862 is dh'imrich e don Eadailt far an do chaochail e.[1]
Iomraidhean
deasaich- ↑ O'Connor, J. J. ⁊ Robertson, E. F. (1997): “Georg Friedrich Bernhard Riemann”. Oilthigh Chill Rìmhinn. Air a thogail 17mh dhen t-Sultain 2018.